Casg-astair air an A9 eadar a' Mhòigh 's an Tom Aitinn bhon Mhàirt

Ìomhaigh de cheann rathaid a thèid a thogail mar phàirt den leasachadh eadar an Tom Aitinn agus a' MhòighTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Ìomhaigh de cheann rathaid a thèid a thogail mar phàirt den leasachadh eadar an Tom Aitinn agus a' Mhòigh

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama aca gus an A9 eadar a' Mhòigh agus an Tom Aitinn a dhèanamh dà-fhillte.

Bhon 10mh dhen Mhàirt thèid an casg-astair de 60msu air còig mìle den rathad a lùghdachadh gu 40msu.

Mairidh sin gu as t-earrach 2028 fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha luchd-obrach air a bhith a' leagail chraobhan ri taobh an rathaid 's iad ag ullachadh airson an obair a thòiseachadh.

Thuirt ceannardan còmhdhail gun tèid camarathan-astair a chur an sàs airson luchd-obrach agus luchd-cleachdaidh an rathaid a chumail sàbhailte.

Tha an obair seo mar phàirt de phròiseact an A9 a dhèanamh dà-fhillte air fad eadar Peairt agus Inbhir Nis.

Bha Riaghaltas na h-Alba airson 's gum biodh an obair ullamh am-bliadhna, ach ri linn dàil tha iad a-nis ag amas air 2035.

'S iad Balfour Beatty a fhuair an cùmhnant airson na h-earrainn seo den phròiseact.