An t-Eilean: "Tha am prògram air obrachadh mar bu mhiann leinn"

Sagar Radia & Sorcha Groundsell Tùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha fios againn cò rinn e ma-thà ... ach eagal is nach fhaca sibh fhathast e cha chan sinn an còrr mus can sinn cus.

Is ma tha sibh san t-suidheachadh sin, tha cothrom am prògram mu dheireadh san t-sreath An t-Eilean - agus na prògraman eile - a choimhead air iPlayer a' BhBC.

Ach rud a tha sàbhailte a ràdh co-dhiù, 's e gu bheil MG ALBA mar-thà gu math toilichte le mar a chaidh gnothaichean.

'S e ceum mòr a bha san t-sreath dha BBC ALBA is le buidseat de chòrr air £4m uile gu lèir, 's e an dràma Gàidhlig as motha air an deach airgead a chosg a-riamh.

Thàinig an t-airgead sin tro mhodail maoineachaidh nach do chleachd an seanal roimhe.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan mus deach a' chiad phrògram a chraoladh, thuirt cathraiche MG ALBA gun robh iad gu math misneachail mu dheidhinn is gu bheil an saoghal a-nise glè fhosgailte a thaobh a bhith a' coimhead air prògraman telebhisein le fo-thiotalan.

Mar thoradh air sin, thuirt Iain Moireasdan gu bheil iad mar-thà air am prògram a reic ri companaidhean craolaidh ann an dùthchannan eile.

Sorcha Groundsell Tùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCALBA

Agus às dèidh dha na ceithir prògramanan a dhol a-mach air BBC ALBA, tha Stiùiriche Susbainte MG ALBA a-nise ag ràdh gu bheil iad air leth toilichte le mar a chaidh an t-Eilean.

"Tha sinn a' faighinn bheachdan is tha e uabhasach brosnachail, math", thuirt Mairead Chamshron.

"Tha am prògram air obrachadh mar bu mhiann leinn is tha e air a bhith soirbheachail.

"Tha e a' dèanamh math air an iPlayer agus tha sinn a' cluinntinn gu bheil luchd-amhairc ùr a' tighinn gu BBC ALBA".

Tha cuid de luchd-amhairc air ceistean a thogail anns na seachdainean mu dheireadh mu chleachdadh na Gàidhlig san t-sreath is am measg eile mu dè cho nàdarra 's a bha an dòigh 's a tha caractaran a' dol eadar Gàidhlig is Beurla.

Bha ceistean bho chuid cuideachd mu dè cho Gàidhealach no eileanach 's bha an dràma.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Mairead Chamshron gun robh iad bho thùs ag amas air feadhainn a tha a' coimhead BBC ALBA gu cunbhalach agus daoine ùra a thàladh, agus gun deach an scriopt a sgrìobhadh an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla.

An sgioba a' clàradh anns na Hearadh.Tùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCALBA

Chaidh i às àicheadh gun robh an còmhradh mì-nàdarra, ged a tha i ag ràdh gur e cothrom ionnsachaidh a bha san dràma gu ìre.

"Seo a' chiad turas a dh'fheuch sinn seo. Bha sinn ag amas air dràma far an robh sinn a' taisbeanadh suidheachaidhean nàdarra is tha daoine a' dol eadar Beurla is Gàidhlig, is bha sinn 'son a bhith a' faicinn cò ris a bhiodh sin coltach.

"Tha a' mhòr-chuid, chanainn, riaraichte le sin.

"Ach tha sinn ag èisteachd is tha sinn air tòrr ionnsachadh a-mach às a' phròiseas".

Is tha dòchas ann gum bi sreath eile den phrògram, no rudeigin coltach ris, air BBC ALBA.

"Bha grunnan diofar bhuidhnean an sàs sa phròiseact is tha sinn a' gabhail pàirt ann an coinneamhan an-dràsta", thuirt Mairead Chamshron.

"Bho thaobh MG ALBA tha sinn a' smaoineachadh gum biodh e math nam biodh an leithid againn - ach tha astar ri dhol fhathast".