Ciamar a chuirear dìon air sgrìobhadh mu choinneimh AI?

Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh
  • Air fhoillseachadh

Tha sgrìobhadairean agus luchd-foillsichidh na h-Alba a' beachdachadh air dòighean ùra gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha AI a' cur mun coinneimh.

Thuirt Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, gu bheil "dragh mòr" air mun teicneòlas a thaobh a bhith a' cruthachadh litreachais agus leabhraichean ùra, is gu bheil cunnartan sònraichte ann a thaobh na Gàidhlig.

Am measg nan uidheaman AI a tha rim faotainn, tha feadhainn a tha air an dealbh airson rannsachaidh, agus feadhainn eile a mholas cumadh sheantansan, chòmhraidhean, agus caran ann an sgeulachdan.

Chaidh Mgr MacAoidh, a bhuineas do Leòdhas, ainmeachadh mar bhàrd nàiseanta na h-Alba san Dùbhlachd.

Am measg nan dòighean ùra air an tug e iomradh tha fiosrachadh coltach ris na th' air leubail bìdhe a dh'innseadh dè na bha de leabhar a chaidh a sgrìobhadh le AI.

Dh'fhaodadh cuideachd suaicheantas sònraichte, leithid na th' aig a' Chlò Mhòr, airson leabhraichean a bha saor bho AI a shònrachadh bho na chaidh a chruthachadh le coimpiutairean.

"Tha dragh mòr dha-rìribh orm mu AI a thaobh a bhith a' cruthachadh litreachais ùir, agus leabhraichean ùra, airson, am measg adhbharan eile, mar sgrìobhadair dh'fhaodadh e a bhith sgriosail do dhaoine ùra a tha ris an obair sin," thuirt Mgr MacAoidh.

"Tha e cho doirbh 's a ghabhas mar-thà a bhith a' dèanamh beò-shlaint a-mach a bhith a' sgrìobhadh dad sam bith - bàrdachd no nobhailean - agus ma tha thu ann an co-fharpais le coimpiutairean a tha a' cleachdadh gach rud a chaidh a sgrìobhadh riamh roimhe, bidh e dìreach tuilleadh nas duilghe.

"Ach tha mi a' smaoineachadh, anns a' Ghàidhlig gu h-àraid, chan eil tòrr stuth Gàidhlig a-muigh an sin, agus ma tha tòrr nobhailean air an cruthachadh le AI sa Ghàidhlig, ann an dòigh bidh ceistean ann an-còmhnaidh "uill, dè seòrsa cànain a tha seo?"

Fo-thiotal a’ bhidio,

Thog Pàdraig MacAoidh air na cunnartan sònraichte a thaobh na Gàidhlig

Bha Mgr MacAoidh an làthair aig bùth-obrach do sgrìobhadairean, luchd-foillseachaidh agus luchd-acadaimigeach an-uiridh, far an deach AI a dheasbad.

"Nochd beachd 's dòcha can, òrb a' Chlò Mhòir a chleachdadh, no Kitemark, dìreach a ràdh "ok seo 100% air a dhèanamh le duine gun AI sam bith ann".

"No air an làimh eile, gum bi e mar a tha thu a' faicinn air cùl bocsa cereal, gum bi e a' dèanamh liosta cò às a thàinig gach pìos a chleachd an AI.

"An e 1% bho Mhàiri Mhòr nan Òran, 2% bho Vladimir Nabukov, no cò às a thàinig iad.

"Ach ann an dòigh 's e seòrsa cleas a th' ann, dìreach a' sealltainn "seo mar a tha AI ag obair". Tha e a' cleachdadh stuth bho thall 's a-bhos.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gum bi feum aig leughadairean air rudeigin.

"Tha sinn ag iarraidh, mar leughadairean, a bhith cinnteach cò às a thàinig na rudan a tha sinn a' leughadh."

Pàdraig MacAoidh

Tha MacAoidh na bhritheamh aig Duaisean Leabhar na Gàidhealtachd am-bliadhna, agus tha e den bheachd gum faodadh sin, agus duaisean litreachais eile, pàirt a chluich ann a bhith a' cur dìon air sgrìobhadh neo-AI.

"Saoilidh mi gur e fear de na rudan a tha duaisean leabhair a' dèanamh, 's e a bhith a' dèanamh gàirdeachais air neònachas, air iomadachd, air stoidhle shònraichte, a leithid de rud nach bi AI a' dèanamh aig an àm seo," thuirt e.

"'S e an car-cainnte annasach, seach an car-cainnte ris a bheilear an dùil, agus bhithinn-sa an dòchas gu bheil duaisean leabhair fhathast air chomas sin a dhèanamh.

"Tha iad a' tabhainn comharrachadh air guthan ùra, sònraichte a tha inntinneach dha-rìribh."

Is tha Mgr MacAoidh an amharas gu bheil seo air a dhol na thrioblaid mar-thà.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil mi air rud no dhà fhaicinn mar-thà, gu bheil trioblaidean a' nochdadh.

"Ann an dòigh tha e nas fhaisge air daoine a bhith a' cleachdadh Google Translate airson rudan a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig.

"Mar gum bi thu a' cleachdadh teacsa sa Bheurla 's ga chur ann am bathar-bog air choireigin.

"Agus gu h-àraidh, can, nuair a tha mise nam bhritheamh air co-fharpais, tha mi an-còmhnaidh, a' leughadh dàin, "uill tha mi cinnteach nach e coimpiutair a sgrìobh seo". Le teacsa eile 's dòcha nach eil mi cho cinnteach sin.

"Tha sin doirbh. Chan eil thu ag iarraidh gum bi thu a' toirt urraim no aithneachaidh air rud nach deach a sgrìobhadh gu h-iomlan le cuideigin, agus an obair a tha an lùib sin."