"Èiginn nach deach fhaicinn riamh" am Barraigh le seirbheisean aiseig

MV Isle of Mull
  • Air fhoillseachadh

Tha Comataidh Còmhdhail Bharraigh ag ràdh gu bheil iad ann an "èiginn" le seirbheisean aiseig is gu bheil còig là ann an sreath gu bhith ann nuair nach eil àite air fhàgail do dhaoine air seirbheisean eadar an t-eilean is tìr-mòr.

A rèir na buidhne, chan eil àite ann air an aiseag eadar an 12na is an 16mh den mhìos.

Tha seo aig àm nuair a tha na sgoiltean gu bhith dheth airson beagan làithean.

Thuirt a' chomataidh gu bheil iad fhèin den bheachd nach do thachair seo riamh ann an eachdraidh ChalMac.

Tha an MV Isle of Lewis, a bhios mar as trice a' seòladh eadar Barraigh is an t-Òban, an-dràsta san doc airson seirbheis bliadhnail.

Na h-àite eadar an 2na den Ghearran is an 3mh den Mhàrt tha an MV Isle of Mull is i cuideachd air an t-slighe eadar Loch Baghasdail is an t-Òban.

Ach nochd trioblaid leis an t-siostam gus daoine fhaighinn far an Isle of Mull ann an èiginn nuair a bha i fhèin san doc.

Dh'fhàg sin gum b' fheudar do ChalMac casg rè ùine a chur air an àireimh de dhaoine a tha ceadaichte siubhal oirre - bho chòrr is 900 gu 45.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Brian Currie ag ràdh nach eil duine ag èisteachd ri muinntir Bharraigh

Chaidh draghan a nochdadh mun t-suidheachadh aig a' Bhliadhna Ùir is an t-aiseag aig an àm sin air an t-slighe eadar Loch Baghasdail 's an t-Òban.

Thuirt CalMac an uairsin gur ann ainneamh a bhiodh barrachd na 45 neach airson siubhal air seirbheis Loch Baghasdail aig an àm sin den bhliadhna, is nuair a chaidh na riaghailtean ùra leis an aiseag a thoirt a-steach, nach robh seòladh ann le barrachd air 45 neach air bucadh.

Ach tha na Barraich ag ràdh gu bheil iadsan air a bhith ag obair fad sheachdainean feuch fuasgladh eile a lorg is fios aca gum biodh an Isle of Mull air an t-slighe eadar Bàgh a' Chaisteil 's an t-Òban air a' mhìos seo is gum biodh staing ann.

Tha iad ag ràdh nach deach èisteachd riutha is gu bheil suidheachadh ann a-nise far nach bi àite air aiseag eadar Barraigh is tìr-mòr fad còig là.

"Tha mise den bheachd nach do thachair seo riamh ann an eachdraidh ChalMac - nach eil àite idir aca air aiseag do luchd-siubhail eadar eilean is tìr-mòr", thuirt Brian Currie bho Chomataidh Còmhdhail Bharraigh.

"Tha àite do chòrr is 500 duine air an Isle of Lewis ach rinn CalMac co-dhùnadh ùine air ais gum biodh aiseag a' frithealadh air Barraigh is Uibhist a Deas gun àite oirre ach do 45 neach.

"Bha sinn fada an aghaidh seo bho thùs is bha còmhraidhean a' dol air ais seachdainean ach bha CalMac gu làidir den bheachd gu bheil àitichean gu leòr air an aiseag".

MV Isle of Lewis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Isle of Lewis an-dràsta san doc

Thuirt Mgr Currie le làithean-saora na sgoile ann aig deireadh na seachdain seo is an t-aiseag làn gu bheil "èiginn" ann.

Tha e ag ràdh gu bheil Comataidh Còmhdhail Bharraigh air a' chùis a thogail le riochdairean poileataigeach nan eilean is air a dhol cho fada ri àrd-stiùiriche ChalMac Donnchadh Mackison, ach nach d'fhuair iad fuasgladh idir.

Thuirt iad gur e briseadh-dùil mòr a th' ann nach d'fhuair iad taic, is gu seachd àraid às dèidh coinneimh a bh' aca san eilean le CalMac is CMAL san Dùbhlachd, coinneamh a dh'fhàg a' choimhearsnachd misneachail mun t-slighe air adhart.

Thuirt iad gu bheil coltas ann a-nise nach eil dad air atharrachadh is nach eil duine ag èisteachd ris a' choimhearsnachd.

"Chan eil mi a-mach an seo air gainnead àitichean do bhaidhseagalan no càraichean no làraidhean - an trioblaid mar as trice - ach do luchd-siubhail", thuirt Brian Currie.

"Seo fàilligeadh cho mòr is nach eil mi cinnteach gun gabh a thomhas.

"Tha CalMac a' dèanamh na dearbh mhearachdan a-rithist is a-rithist.

"Tha coltas ann nach eil iad cunntachail ri duine".

"Barrachd sheòlaidhean"

Ann am brath a chuir iad gu BBC Naidheachdan oidhche Luain, thuirt CalMac gun do dh'innis iad san Dùbhlachd gum biodh an Isle of Mull a' frithealadh air Loch Baghasdail is Bàgh a' Chaisteil 'son ùine is le àireamh nas lugha de luchd-siubhail.

Cha robh trioblaidean ann tron Fhaoilleach is tràth sa Ghearran, thuirt iad, agus 'son a' mhòr-chuid den àm eadar an 2na den Ghearran is an 3mh den Mhàrt gu bheil àireamhan de luchd-siubhail air an dà shlighe "cho ìosal" is gun dèan an Isle of Mull an gnothach air an iarrtas a th' ann a choileanadh.

Thuirt iad le àireamhan nas ìsle air seòlaidhean Uibhist a Deas gu bheil barrachd sheòlaidhean air Caolas Bharraigh gus am faigh Barraich air seòlaidhean à Loch Baghasdail agus cuideachd à Loch nam Madadh a chleachdadh.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil an MV Clansman, an MV Alfred is an MV Isle of Lewis san doc an-dràsta is gu bheil obair-càraidh a' leantainn air an MV Caledonian Isles, is gu bheil seo uile a' toirt buaidh air na roghainnean a th' aca.

Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' conaltradh ri Comataidh Còmhdhail Bharraigh is gun deach coimhead air molaidhean bhuapa, ach nach robh gin ann nach biodh air troimhe-chèile a bharrachd adhbharachadh air slighean eile.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil làithean-saora sgoile ann ach gu bheil seo fìor air feadh na lìonra.

Thuirt CalMac cuideachd gu bheil planaichean ann an àite ma 's e is gum bi feum air turas èiginneach air adhbhar meidigeach no eile.