Sia sgoiltean "a' dol Gàidhlig"

  • Air fhoillseachadh
Clann-sgoile
Fo-thiotal an deilbh,

Sheall figearan bhon Chunntas-Sluaigh gu bheil dàrna leth de chloinn nan Eilean Siar gun chomas sa Ghàidhlig.

Tha sia sgoiltean ann an sgìre Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh a dhol air adhart le Inbhe Sgoil Ghàidhlig.

'S iad na sgoiltean sin: Beàrnaraigh, Breascleit, Bàgh a' Chaisteil, an Iochdar, Sgoil an t-Òib agus Sgoil an Taobh Siar.

Ged a tha inbhe nan sgoiltean air atharrachadh, bidh foghlam tro mheadhan na Beurla ga thoirt seachad annta fhathast dhan fheadhainn a bhios ga iarraidh.

Thadhail Ministear Ionnsachaigh, Saidheans agus Cànain na h-Alba, Alasdair Allan, air Sgoil Bhreascleit ann an Leòdhas Dihaoine gus an naidheachd a chomharrachadh, agus cuideachd choinnich e ri oifigearan bhon Chomhairle ann an dàimh ris a' Phlana Chànain.

Thuirt an t-Oll. Alasdair Allan: "Tha Riaghaltas na h-Alba toilichte taic chalpa a thoirt don phròiseact agus an dòchas gum faic sgoiltean eile na buannachdan a tha a' tighinn an cois sgoil Ghàidhlig.

Misneachd

"'S e clach-mhìle a tha seo ann an lìbhrigeadh Foghlam Gàidhlig Bun-sgoile ann an Alba, a tha cudromach a thaobh daingneachadh gum bi ginealaichean ri teachd a' labhairt na Gàidhlig.

"Tha rudan math a' tachairt am Breascleit agus anns na còig sgoiltean eile, le Gàidhlig aig cridhe a' churriculum, a' neartachadh a' cheangail eadar sgoilearan agus cànan, cultar agus dualchas."

Thuirt Cathraiche Foghlam agus Seirbheisean Chloinne aig Comhairle nan Eilean Siar, Catrìona Stiùbhart: "Tha e a' toirt mòr-thoileachais dhomh gu bheil sia de na sgoiltean againn air aontachadh a dhol air adhart le Inbhe Sgoil Ghàidhlig.

Bha e freagarrach dha-rìribh gun deach seo a chomharrachadh leis a' Mhinistear a' tadhail air Sgoil Bhreascleit, a' chiad sgoil ann an Alba a thabhainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha a' Chomhairle gu mòr airson a' Ghàidhlig a neartachadh anns na h-Eileanan an Iar, agus ged a tha sinn mothachail gu bheil tòrr obair fhathast ri dhèanamh, tha adhbharan misneachd ann le 47% de sgoilearan ann an Clas 1 a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.