Faraidhean air luchd-coise san amharc air Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
  • Air fhoillseachadh

Thathas a' moladh do chomhairlichean na Gàidhealtachd faraidhean a stèidheachadh 'son luchd-coise air Aiseag a' Chorrain 'son a' chiad uair.

Dh'aontaich an t-ùghdarras ionadail nas tràithe am-bliadhna gun rachadh faraidhean do charbadan an-àirde air an t-slighe.

Chaidh co-dhùnadh aig an àm sin deasbad a thaobh faraidhean do luchd-coise fhàgail aig coinneimh de Chomataidh na h-Eaconamaidh is a' Bhun-structair, a bhios ann Diardaoin seo tighinn, taobh a-muigh.

Tha aithisg a thèid air beulaibh na comataidh ag ràdh gum biodh faradh £2 "reusanta an taca ri seirbheisean aiseig eile" is gum faodadh a' chomhairle £20,516 a thogail sa bhliadhna nan rachadh a chur an sàs.

Bhiodh an t-seirbheis fhathast saor an asgaidh do dhaoine nas òige na 23, nas sine na 59, agus do chiorramaich.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an àireamh de luchd-coise a bhios a' cleachdadh Aiseag a' Chorrain gu math nas ìsle na na th' ann de charbadan.

Tha oifigich a' moladh do chomhairlichean aontachadh na faraidhean a chur an sàs.