Cearcall còmhraidh ann an Àird Ghobhar gus cuibhle na Gàidhlig a chur mun cuairt?

Tha Màiri Anna NicUalraig ag ràdh gu bheil deagh rùn san sgìre don Ghàidhlig, 's gu bheil sin riatanach 'son a h-ath-bheothachadh
- Air fhoillseachadh
Tha cearcall còmhraidh Gàidhlig ga chur air dòigh ann an Àird Ghobhar.
A dh'aindeoin a' chrìonaidh a th' air a bhith ann, tha Màiri Anna NicUalraig, a chuir an cearcall ùr air dòigh, ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig agus deagh rùn dhan chànan fhathast beò ann an Àird Ghobhar.
"Tha fios againn gu bheil Gàidheil agus luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an Àird Ghobhar, ach tha fios againn cuideachd gu bheil daoine ann a bhios a' tadhal air an àite," thuirt i.
"'S ann do mhuinntir an àite a tha e, ach tha fios againn gu bheil càirdean Gàidhlig againn gu math faisg air làimh agus bidh sinn gu math toilichte iad a bhith air aoigheachd againn."
Tha taic airson a' chruinneachaidh air tighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus Urras Leasachaidh Ghleann Shanda Àird Ghobhar.
Bidh Màiri Anna a' stiùireadh chùisean an t-seachdain seo, ged a bhios cothrom aig feadhainn eile mar a thèid iad air adhart.

Chan eil cho fada sin bho chluinneadh tu a' Ghàidhlig gu tric ann an Àird Ghobhar, agus feadhainn ann fhathast a fhuair i aig a' ghlùin san sgìre mar a fhuair an sinnsirean.
Tha an fheadhainn ud suas ann am bliadhnaichean ge-tà, ach tha ginealach ùr a' gabhail an àite gu ìre.
"Tha na seann daoine, mar a thuigeas tu, tha iad a' siubhal," thuirt Màiri Anna.
"Mo nàbaidh fhèin aig an robh a' Ghàidhlig. Leughadh e, sgrìobhadh e, bhruidhnneadh e Gàidhlig ged a bha e gu math sàmhach mu dheidhinn. Chaochail esan dìreach an-uiridh.
"Ach tha daoine ann, agus tha cuideachd òigridh anns an sgìre a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, no gun deach iad dhan t-Sabhal Mhòr.
"Sgiobair an aiseig againn. Tha Gàidhlig aigesan air sgàth sin.
"Tha measgachadh ann".
Deagh Rùn
Tha Màiri Anna cuideachd a' togail air mac-talla na Gàidhlig san sgìre am measg feadhainn aig nach eil i.
Mar shamhla air sin, bidh leabhar aig Màiri Anna aig a' chiad chruinneachadh - Bàird Ghobhar - bho 1870, a' sealltainn cho beartach 's tha an dualchas.
"Tha Gàidhlig cuideachd dlùth, dìreach aon cheum a-mach ann an teaghlaichean a bhuineas dhan àite", tha i ag ràdh.
"Tha ainmean leithid Boyd agus MacIllEathain a' dol air ais 600 bliadhna ann an seo.
"Tha tòrr de na teaghlaichean a tha seo ann an Àird Ghobhar agus co-oghaichean aca a' dol dhan sgoil Ghàidhlig ann an Àth Tharracail. No tha, no bha Gàidhlig aig grannaidh is seanair no aig caraidean dhaibh.
"Mar sin tha deagh rùn ann dhan Ghàidhlig cuideachd a bharrachd air luchd-bruidhinn. Tha sin riatanach".
Dùsgadh
Is ged a tha mothachadh ann nach tèid a' Ghàidhlig ann an Àird Ghobhar air ais mar a bha i, tha Màiri Anna ag ràdh gu bheil dòchas ann gun tig feum às na h-oidhirpean seo.
Nach deàn clachan beaga tric, càrn mòr uaireigin?
"Saoilidh mise gun fhiach gu mòr gnìomhan beaga leithid a' chearcaill chòmhraidh.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-àm ann Gàidhlig ath-bheothachadh agus a dhùsgadh a-rithist anns an sgìre."
Bidh an cearcall còmhraidh a' tachairt gach ceathramh Dòmhnach anns a' mhìos, le diofar dhaoine air aoigheachd.
Bidh a' chiad fhear ann an Taigh-Grùide Leann Àird Ghobhar an t-seachdain seo aig 3:00f.