Naidheachdan 11:00m

Prìs a' Chumhachd

Tuitidh prìs aonad chumhachd ann an Alba, a' Chuimrigh agus ann an Sasainn anns an Iuchar. Seo a' chiad ìsleachadh ann am bliadhna. Tha gearradh de 7% a' ciallachadh lùghdachadh de mu £129 ann an cunntasan taighe dhaoine anns a' chumantas. Thathar a' coimhead ri prìs nan aonadan cumhachd a h-uile trì mìosan.

Gàsa

Chan eil an Riaghaltas ann an seo air gabhail ris na thuirt Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, nuair a dh'fhàg e air Sir Keir Starmer, Emmanuel Macron Ceann-Suidhe na Fraing, agus Mark Carney Prìomhaire Chanada, gu bheil iad a' cur taic ri Hamas 's gu bheil sin gan cur air taobh ceàrr eachdraidh. Rinn Breatann, an Fhraing agus Canada uile càineadh air mar a leudaich Israel an iomairt aca ann an Gàsa agus mar a bha iad a' cur stad air stuthan cobhair o bhith a' faighinn gu sìobhaltaich ann an sin.

Crois-bhogha

Chaidh fireannach a chur ann an grèim an dèidh dha a dhol a-steach a dh'ospadal ann an Glaschu le crois-bhogha. Chaidh poilis a ghairm gu Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid madainn an-diugh. Chaidh fireannach aois 29, a chur ann an grèim.

Europol

Thuirt buidheann poilis an Aonaidh Eòrpaich, Europol, gu bheil iomairt eadar-nàiseanta air bun-structar cudromach a bha eucoirich shaidhbeir a' cleachdadh airson malware is ransomware a sgaoileadh a thoirt às a chèile. Dh'obraich seachd dùthchannan còmhla airson seirbheirean a thoirt a-nuas agus malware a thoirt às a chèile. Chaidh 20 barrantas cùirteach eadar-nàiseanta fhoillseachadh.

Soithichean Mòra

Dhèanadh cìs ùr air luchd-turais nam bàtaichean mòra cron air eaconomaidh na Gàidhealtachd - seo a rèir Port Linne Chrombaigh. Tha iadsan a' cumail a-mach gum faodadh 10% de na soithichean mòra roghnachadh a dhol a bhadeigin eile nan deadh cìs £5 gach neach-turais a chur an sàs. Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' cumail co-chomhairleachadh air a' chùis, ach tha cuid às an sgìre fhèin a' cur taic ris a' mholadh nan deadh an t-airgead a dheadh a thogail a chosg ann an dòigh a bha ciallach.

Seann Sgoil Bhorradail

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd maoineachadh £450,000 o Riaghaltas na h-Alba airson seann sgoil is taigh-sgoile Bhorradail anns an Eilean Sgitheanach a leasachadh. Thathar an dùil aonadan taigheadais a dhèanamh den togalach. Thèid am pròiseact a chleachdadh mar thaisbeanadh air mar a ghabhas seann thogalaichean a th' air a dhol bhuaithe ath-leasachadh.

An t-Eilean

Tha an dràma Gàidhlig An t-Eilean air tè de phrìomh dhuaisean telebhisein roinneil Eòrpach a bhuannachadh. Fhuair am prògram duais chliùiteach Grand Prix Prix CIRCOM ann am Barcelona an-raoir. Thog am prògram cuideachd Duais an Dràma as Fheàrr. B' e an dràma a bu daoire a chaidh a dhèanamh a-riamh do BhBC ALBA aig £4m.