Faclair ùr Gàidhlig airson saoghail eile

Àrmann le claidheamhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid faclair ùr - 'Faclair Gàidhlig na Fantasachd' - a chur air bhog a-nochd aig an Taigh-Chèilidh an Steòrnabhagh.

Tha e a' dèiligeadh le briathrachas an lùib gheamannan, ficsean, gnàthsan cainnte 's leithid sin.

"'S e cruinneachadh a th' ann de bhriathrachas agus facail is abairtean cuideachd ceangailte le sgeulachdan agus draoidheachd, armachd is rudan mar sin," thuirt Fanch Bihan-Gallic a chuir ri chèile e.

"Tha sinn a' smaoineachadh air a' Ghàidhlig mar chànan croitearachd agus iasgaich agus beatha làitheil nan eilean - ach cuideachd tha daoine air a bhith ag innse sgeulachdan na Fèinne agus Cù Chulainn agus nan daoine siud o linn Oisin.

"Bha mi airson na rudan sin a chur air beulaibh an t-sluaigh a-rithist, gu h-àraid, bha mi a' smaoineachdainn air an òigridh aig nach eil na facail sin.

"Chan eil na faclan acasan airson a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn chlaidheamhan agus draoidhean agus rudan mar sin."

Fanch Bihan-Gallic
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Fanch Bihan-Gallic a chuir am faclair ùr ri chèile

'S dòcha gun canadh cuid nach eil leithid de dh'fhacail ro fheumail 's an là a th' ann, 's iad air falbh à beatha làitheil nan eilean - agus gu dearbha às a h-uile sgìre eile.

Tha taobh de bheatha làitheil dream nach beag de dhaoine ge-tà, sa bheil a leithid le pàirt chudromach ri chluich.

"Daoine san là a th' ann, bidh iad ag amharc air leithid Netflix agus Tighearna nam Fàinntean agus a' Hobad is rudan mar sin," thuirt Fanch.

"Tha na facail annasach sin uile aca sa Bheurla gun trioblaid sam bith air sgàth 's gum bi iad a' cluich gheamannan leithid Dungeons and Dragons agus rudan mar sin.

"Ach cha bhi na facail sin aca sa Ghàidhlig agus tha sin a' ciallachadh nach eil comas no fiù smaointinn ann a bhith a' bruidhinn mu na cuspairean a tha siud," thuirt e.

Sanas
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid bruidhinn mun fhaclair ùr aig tachartas san Taigh-Chèilidh ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain

Fantasachd ann no às, chan eil dad ùr fon ghrèin - glè bheag co-dhiù - agus bha gu leòr de na facail a tha a dhìth airson na cuspairean seo a dheasbad anns a' chànan o chionn fhada.

Rinn sin an obair aig Fanch na b' fhasa, ged a bha na h-uimhir de rudan ùra ann a b' fheudar a chruthachadh às ùr.

"Bha rud beag cruthachaidh ann, ach mar as trice dh'fheuch mi ri bhith a' cruinneachadh fhaclan a bh' ann co-dhiù.

"Tha na sgeulachdan air a bhith ann o chionn fhada 's mar sin tha na facail ann mar as trice.

"Mar sin dheth chaidh mi gu Dwelly, air sgàth 's gun robh Dwelly fhèin a' cruinneachadh nam faclan siud nuair a bha daoine fhathast gan cleachdadh o là gu là. Agus cruinneachaidhean eile."

Le eadar-theangachadh Gàidhlig air a' Hobad air tighinn a-mach o chionn ghoirid, agus geamaichean coimpiutaireachd a' sìor nochdadh sa Ghàidhlig, tha fhios gu bheil beatha air choireigin sna seann bhriathran seo fhathast.

Chaidh am faclair ùr fhoillseachadh san Dàmhair aig Comicon nan Eilean, ach thèid cruinneachadh a chumail san Taigh-Chèilidh ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain aig 7:00f airson bruidhinn mu dheidhinn - agus airson gae bolg a chur an sàs ann an dràgan no dhà, tha fhios.