Milleadh agus math an cois lioncs a thilleadh a dh'Alba air a mhìneachadh

Tha deasbad a' dol mu am bu chòir dhan lioncs a bha uair dùthchasach do dh'Alba a thoirt air ais gu coilltean na dùthcha
- Air fhoillseachadh
Tha aithisg ùr mu bhith a' toirt an lioncs air ais a dh'Alba ag ràdh gu bheil coltas ann gum falbhadh iad le caoraich agus uain ach gun toireadh iad buannachdan àrainneachdail agus eaconomaigeach dhan dùthaich cuideachd.
Dh'fhaodadh iad cuideachd smachd a chumail air na tha de dh'fhèidh an Alba a rèir an rannsachaidh a rinn an com-pàirteachais, Lynx to Scotland.
Dh'fhoillsich iad aithisg sa bheil 100 duilleag, taobh a-muigh agus iad ag ràdh gur e am measadh as mionaidaiche fhathast air dè bhiodh a dhìth nan robh an lioncs agus mac an duine gu bhith beò còmhla.
Tha iad a' coimhead air an gabh an lioncs a thilleadh a dh'Alba airson a' chiad uair ann an 1300 bliadhna.
Bha "còmhraidhean mionaideach agus farsaing" aca a rèir Steve Micklewright, Àrd-oifigear Trees for Life, a tha na bhall den bhuidhinn.
"Chan eil a h-uile duine a ghabh pàirt ann airson 's gun tèid an lioncs a thilleadh, ach tha a-nis tuigse againn air dè a bhiodh a dhìth airson agus gun tachradh sin," thuirt e.
Lioncs san t-sneachda
Bhruidhinn iad ri 53 diofar bhuidhnean agus daoine thairis air naoi mìosan, nam measg tuathanaich, uachdarain, luchd-glèidhteachais, coilltearan agus gnothachasan turasachd.
Thuirt Steve Micklewright: "Tha sinn air measadh a dhèanamh air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann nan deadh an lioncs a thoirt air ais a dh'Alba agus molaidhean a chur adhart airson dèiligeadh ri trioblaidean neo an seachnadh."
Fhuair iad gu bheil coilltean agus biadh gu leòr ann airson 's gun gabhadh an lioncs tighinn beò air a' Ghàidhealtachd.
Cho-dhùin iad gum falbhadh na beathaichean le caoraich agus eòin-sheilge mar fheasanan.
Mhol iad gum faigheadh tuathanaich airgead-dìolaidh airson stoc a chailleadh iad agus taic le cabhag nan robh lioncs a' dol an tòir air na beathaichean aca.

Dh'fhaodadh lioncs smachd a chumail air na tha de dh'fhèidh ach a bhith a' falbh le caoraich cuideachd, a rèir na h-aithisge ùire
'S e beathaichean diùid a th' anns an lioncs, mun aon mheud ri cù Labrador, agus 's ann an coilltean a bhios iad a' tighinn beò. 'S e fèidh as motha a bhios iad ag ithe agus chan eil iad nan cunnart do dhaoine.
Tha àrdachadh air tighinn air na tha den ghnè air feadh na Roinn Eòrpa an dèidh mar a shoirbhich le grunn phròiseactan tillidh.
Chuir sealg às dha na beathaichean ann an Alba sna Meadhan Aoisean.
Dh'fheumte sgeama sam bith airson an lioncs a thoirt air ais dhan dùthaich cead bho Riaghaltas na h-Alba, an deidh mheasaidhean eag-eòlach agus co-chomhairleachadh phoblach.
A' bruidhinn aig co-labhairt an NFU sa Ghearran, thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba John Swinney nach tèid lioncs a thilleadh a dh'Alba.
Bha seo às dèidh mar a chaidh lioncs a leigeil mu sgaoil air a' Ghàidhealtachd nas tràithe am-bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
- Air fhoillseachadh10 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach