Tubaist mhairbhteach an Uibhist a Tuath

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Poileas Alba gun do chaochail boireannach às dèidh tubaist rathaid ann an Uibhist a Tuath.
Thuirt na poilis gun d'fhuair iad fios mu 12.20f Dihaoine mu thubaist eadar càr agus neach-coise ann an Ceann a' Bhàigh.
Chaochail boireannach a bha a' dràibheadh a' chàir aig làrach na tubaist.
Thuirt na poilis gu bheil fios aig an teaghlach aice.
Chaidh an neach-coise, boireannach eile, a thoirt a dh'Ospadal Uibhist is Bharraigh is i air a droch goirteachadh.
Thuirt na poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.
Dh'innis Bùth Cheann a' Bhàigh air na meadhanan-sòisealta aca gum bi iad dùinte an còrr den là Dihaoine.
Chaidh an geama ball-coise oidhche Haoine eadar Uibhist a Tuath is Saints an Iochdair agus tachartas aig Buidheann Taic Aillse Mhic a' Mhaoilein ann an Sgoil Uibhist a Tuath a chur dheth ri linn bàs sa choimhearsnachd.