Co-chomhairle sgoil Ghàidhlig ga diùltadh
- Air fhoillseachadh
![An t-Òban](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/13053/production/_93770977_oban-iainmaclean.jpg)
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach eil beachd sam bith aca aig an ìre seo sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns an Òban.
Nochd iarrtas anns a' bhaile agus dh'iarr Comhairle nam Pàrant air an ùghdarras ionadail co-chomhairle a chur air bhog, ach cha d' fhuair iad freagairt.
Ach às dèidh do Radio nan Gàidheal ceist a chur air a' Chomhairle mun ghnothach, thuirt iad nach robh iad idir an dùil an leithid a dhèanamh.
Bidh timcheall air 50 duine-cloinne a' frithealadh an aonaid Ghàidhlig anns an Òban, aig Bun-Sgoil Achadh na Creige.
An Dùn Beag
"Tha aonad Gàidhlig sgoinneil againn anns an Òban, ach tha an t-aonad Gàidhlig a' fàs gu mòr," thuirt Susanna Hughes bho Chomann nam Pàrant.
"Tha timcheall air 12 duine-cloinne ann am P1 gach bliadhna an-dràsta, agus tha an t-Òban a' fàs cuideachd," thuirt i.
Le sùil ris an àm ri teachd tha Comann nam Pàrant ag iarraidh gun tèid sgoil Ghàidhlig fa-leth a stèidheachadh sa bhaile.
"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil duilgheadasan ionmhais aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid," thuirt Cathraiche Chomann nam Pàrant, Claire Wilding.
"Ach tha sinn den bheachd gu bheil dòighean ann timcheall air na duilgheadasan sin, agus le taic bho Riaghaltas na h-Alba, agus le oidhirp air airgead a thogail gum faiceamaid rathad air adhart."
Tha beachd ann gur e an Dùn Beag an t-àite as fheàrr airson sgoil Ghàidhlig.
"Saoilidh mise gu bheil iarrtas glè mhòr ann air sgoil Ghàidhlig fa-leth, seach mar phàirt de sgoil eile," thuirt an Comh. Ruairidh MacCuthais.
"'S e sgoil mhath dha-rìribh a th' ann an Achadh na Creige an-dràsta, ach chan eil sin gu leòr," thuirt e.
Leasachadh
Tha Sgoil an Dùin Bhig làn an-dràsta, agus beachd ann gum feumar sgoil ùr a thogail ri linn 's gu bheil dùil ri leasachadh taigheadais mhòr sa bhaile.
Nochd am beachd airson sgoil Ghàidhlig san sgìre an toiseach aig cruinneachadh Gàidhlig an-uiridh.
B' e an t-Oll. Boyd Robasdan a chuir am beachd air adhart an toiseach.
"Bha mise ag obair san Òban airson deich bliadhna, 's ann ann a thòisich mi a' teagasg, agus tha meas mòr agam air an Òban," thuirt e.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil beagan tuigse agam air suidheachadh na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal.
"Agus cho cudromach 's a tha an t-Òban mar bhaile, mar phort a tha a' frithealadh nan eileanan, agus gu bheil grunn math de Ghàidheil a' fuireach anns an Òban.
"Agus gu bheil eachdraidh làidir Ghàidhlig anns an Òban. Ma smaoinicheas tu air gur ann an sin a chaidh an Comann Gàidhealach a stèidheachadh, a chaidh am Mòd a stèidheachadh.
"Chanadh gu leòr gur e an t-àite as fheàrr a th' ann airson Mòd a chumail.
Iomchaidh
"A bharrachd air sin tha eachdraidh làidir Ghàidhlig aig Earra-Ghàidheal air fad, o àm Chaluim Chille, gu Tighearnas nan Eilean, agus nas fhaisge air an là an-diugh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus bàrd a bha ag obair còmhla rium fhìn san àrd-sgoil san Òban, Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.
"Tha mar sin snàthlainn làidir Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal - 's e creathal na Gàidhlig a th' ann an Earra-Ghàidheal - agus bhiodh e air leth iomchaidh gum biodh sgoil Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal.
"Tha sgoil Ghàidhlig a-nis anns a' Ghearasdan. Bidh sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh a dh'aithghearr.
"Agus bhiodh e iomchaidh, air a' chosta an iar, gum biodh sgoil Ghàidhlig eile ann, agus gum biodh e anns an Òban," thuirt e.
Thig stiùireadh reachdail ùr air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a-mach an ath-sheachdain, agus tha Comann nam Pàrant an dòchas gum bi na còirichean acasan nas soilleire an uair sin.