Dragh mu bhòrd coimhearsnachd ùr ChalMac
- Air fhoillseachadh

Tha dragh gu bheil cus bhuidhnean ann mur thar a tha a' cur beachdan gu CalMac, agus gum bi am bòrd coimhearsnachd ùr dìreach na bhuidheann eile am measg iad sin.
Thàinig sin am follais aig Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar a bha a' faighinn fiosrachaidh mu bhòrd coimhearsnachd ùr ChalMac.
Tha cathraiche na comhairle, Ùisdean Robasdan, am measg na thog teagamh mun bhòrd ùr, ged a tha e toilichte gu bheil dithis às na h-Eileanan an Iar air an riochdachadh air a' bhuidhinn.
"Tha draghanan ann a bheil tuilleadh sa chòrr bhuidhnean ann co-dhiù, agus a bheil ann an seo ach buidheann eile a' tighinn a-staigh dhan mheasgachadh a th'ann?
"Tha dragh ann mu dè cho làidir sa bhios e. Bha còmhradh ann nach robh ach dà choinneamh gu bhith ann sa bhliadhna.
"Tha an àrainneachd againn làn de bhuidhnean mur tha agus tha e doirbh fhaicinn ann an dòigh ciamar a dh'obraicheas seo," thuirt e.
Leis gu bheilear a' dèiligeadh ri 22 eilean tha Mgr Robasdan dhan bheachd gum bi e doirbh dhaibh faighinn timcheall nan coimhearsnachdan air fad.
Misneachd
Tha e air a mhisneachadh, ge-tà, gur ann às na h-Eileanan an Iar a tha cathraiche a' bhùird, Aonghas Caimbeul, a bha roimhe na cheannard air Comhairle nan Eilean Siar, agus gu bheil ball eile, Eòin MacNèill às na h-Eileanan cuideachd.
Tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil tòrr obrach aig a' bhòrd ri dhèanamh a-muigh sna coimhearsnachdan.
Dh'iarradh Mgr Robasdan leasachaidhean mòr fhaighinn air seirbheisean nan Eilean Siar ron earrach an ath-bhliadhna.
Tha Mgr Robasdan ag iarraidh an dàrna bàta-aiseig eadar Uibhist, na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach, bàta-aiseig a bharrachd à Leòdhas agus goireasan nas fheàrr do dh'iasgairean ann an Loch nam Madadh.
Ballrachd
Gheall CalMac am bòrd coimhearsnachd a stèidheachadh san tagradh aca airson cùmhnant seirbheisean aiseig a' chost an iar a ruith.
Chaidh Aonghas Caimbeul ainmeachadh mar chathraiche san Lùnastal agus chaidh an 11 ainmeachadh Diciadain.
Thuirt CalMac gu robh na coimhearsnachdan air fad a tha iad a' frithealadh air a riochdachadh air a' bhòrd.
Chuir 50 duine a-steach air a shon agus chaidh agallamh a dhèanamh le 21 duine.
Tha am bòrd neo-eisimeileach agus cha bhi CalMac air a riochdachadh air.
Mairidh ballrachd a' bhùird 18 mìosan le cothrom a leudachadh airson 18 mìosan eile.
Thuirt CalMac gu robh a bhith ag èisteachd ri na coimhearsnachdan aca aig cridhe na bha iad a' dèanamh.
"Tha buidheann againn a-nis a chuireas ris a' phròiseas a tha sin," thuirt iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain 2017