Dùil ri FAI air bàs thriùir shreapadairean an Gleann Comhann

An t-Aonach EagachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Nochd dragh mun triùir shreapadairean nuair nach do thill iad bho là air an Aonach Eagach

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tòisich Rannsachadh Tubaist Bhàsmhor (FAI) as t-samhradh seo air mar a bhàsaich triùir luchd-sreap ann an Gleann Comhann.

Chaill Graham Cox, 60, Hazel Crombie, 64, agus Dàibhidh Fowler, 39, am beatha 's iad a' sreap air an Aonach Eagach san t-Sultain 2023.

Tha an druim a tha sia mìle (9.7km) de dh'fhaid agus cho àrd ri 3,608 troigh (1,100m) air fear dhen fheadhainn as cumhaing air tìr-mòr Bhreatainn.

Tha e a' tarraing mòran shreapadairean.

Aig èisteachd dh'innis an Siorram Neil Wilson gun robh dùil aige gun tèid an rannsachadh a chumail air an 18mh agus an 19mh den Lùnastal aig Cùirt an t-Siorraidh sa Ghearastan.

Thèid èisteachd ro-ìreach a chumail air an 9mh den Ògmhios.

B' adhbhar dragh a bh' ann nuair nach do thill an triùir shreapadairean bho chuairt-bheinne Disathairne an 5mh den Lùnastal.

Chaidh heileacoptair nam maor-cladaich ann an Inbhir Nis chun na làraich ged a bha ceò ann, mus deach na cuirp a lorg an ath-là.

Thug sgiobannan teasairginn nam beann aig an RAF agus à Gleann Comhann taic dhan iomairt.