Mì-thoileachas mu staid seann ospadail ann am Bàideanach

Tha an togalach a' dol bhuaithe, a rèir chuid san sgìre
- Air fhoillseachadh
Cha mhòr ceithir bliadhna bho dhùin Ospadal an Naoimh Vincent ann an Ceann a' Ghiùthsaich tha mì-thoileachas san sgìre gu bheil an togalach eachdraidheil fhathast falamh agus a' tuiteam às a chèile.
Tha an làrach a-nis ann an làmhan Comhairle na Gàidhealtachd, a tha an dùil pàirt den togalach a leagail 's dachannan a thogail.
Ach tha ceistean air feadhainn san sgìre dè cho freagarrach 's a bhios an leasachadh sin.
"Bha dà uàrd ann, agus an uàrd gu h-àrd tha an làr a' tuiteam sìos," thuirt Sìle NicAoidh, a bha ag obair san ospadal airson 43 bliadhna.
Tha i air tadhal air an làraich tric bho dhùin e ann an 2021.
"Tha e dìreach sgràthail. Chan eil faclan agam," thuirt i.
"Tha an togalach a' tuiteam às a chèile, agus mar a tha sinn a' faicinn tha na h-uinneagan air fad a-niste air an dùnadh suas, a chionn bha tòrr spòrs aig tòrr dheugairean shuas an seo nuair a dhùin an t-ospadal an toiseach 's bha uinneagan air am briseadh, rudan mar sin.
"Bha sinne a' coimhead às dèidh tòrr dhaoine às an sgìre anns an togalach a tha seo.
"Bhàsaich tòrr dhaoine às an sgìre anns an togalach a tha seo cuideachd, agus tha cuimhneachain shònraichte againn air fad a bhith ag obair ann."
Bha Shiela NicAoidh ag obair ann an seann Ospadal an Naoimh Vincent fad 43 bliadhna
Tha Ms NicAoidh ag aontachadh gu bheil cruaidh-fheum air taigheadas san sgìre, ach chan eil i ag aontachadh gur e plana freagarrach a th' ann airson na làraich seo.
"Chan eil an t-ospadal san Aghaidh Mhòir mòr gu leòr," thuirt i.
"Nuair a bheir sinne a-steach na tha de thaighean a' dol suas eadar Bàideanach agus Srath Spè, cha bhi leapannan gu leòr anns an ospadal an ceann can còig bliadhna.
"Nam biodh iad air St Vincent's a chumail agus coimhead às a dhèidh, gun dèanadh e dachaigh-cùraim uabhasach math," thuirt i.
Chaidh Russell Jones na chomhairliche dhan sgìre an dèidh dhan cho-dhùnadh a bhith air a dhèanamh Ospadal an Naoimh Vincent a dhùnadh.
"Bha e air còrdadh rium St Vincent's fhaicinn air a chumail fosgailte," thuirt e.
"Chan eil mi cho cinnteach gu bheil seirbheis nas fheàrr a-niste aig muinntir Bhàideanach no Srath Spè leis an ospadal san Aghaidh Mhòir."

Thog e air cùis a mhàthar fhèin, a tha 93, 's a bhios a' faighinn cùraim gach beagan mhìosan airson aillse - rud a b' àbhaist a bhith ga thoirt seachad ann an Ospadal an Naoimh Vincent, ach a tha a-niste ga thoirt dhi aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
"An àite a bhith a' siubhail leth-mhìle, bidh 90 mìle againn ri siubhal ann 's air ais," thuirt e.
"Cha bu chòir gum bi sin a' tachairt. Bu chòir gur e seirbheis a tha sin a gheibhear san Aghaidh Mhòir, ach chan eil e.
"Feumaidh NHS na Gàidhealtachd coimhead ri sin cuideachd.
"Chan eil mi cho cinnteach gun deach na gealltanasan a thugadh do mhuinntir Chinn a' Ghiuthsaich, Bhaile nan Granndach, Bhaile Ùr an t-Slèibh, Drochaid Charra, Bhàideanach is Srath Spè a chumail, 's feumaidh iad coimhead ri sin."

Thuirt tè-labhairt às leth Comhairle na Gàidhealtachd gur ann acasan a tha sealbh air làrach Ospadal an Naoimh Vincent a-niste, agus gu bheil iad am beachd am pàirt as ùire den togalach a leagail.
Tha planaichean aca, thuirt i, airson gach cuid taighean prìobhaideach agus taighean aig prìs reusanta a thogail air an làraich sna beagan bhliadhnaichean ri tighinn.
Tha companaidh phrìobhaideach a-niste ga sireadh airson obrachadh còmhla riutha.
Bidh mòran san sgìre toilichte leis na planaichean seo, a rèir a' Chomh Jones - ged a tha cuid air an sàrachadh le cho slaodach 's a tha an leasachadh a' gluasad an-dràsta.

Tha Sìle NicAoidh den bheachd gun dèanadh an seann ospadal deagh dhachaigh-cùraim, 's nach bi leapannan gu leòr san ospadal a th' ann an ceann còig bliadhna
"Tha suidheachadh againn far am faod duine sam bhith an Alba an cur fhèin air adhart mar dhuine gun dachaigh," thuirt e.
"Ma tha puingean gu leòr aca, gheibh iad air liosta ann am Bàideanach is Srath Spè, air thoiseach air muinntir an àite.
"Ma tha coltas "paraisteach" air sin, chan eil dragh orm.
"Cha bu chòir gum bi sin a' tachairt.
"Bu chòir dhuinn coimhead ri daoine a tha a' fuireach an seo a ghlèidheadh sa chiad àite."
Chaidh beachd iarraidh air NHS na Gàidhealtachd mun t-seirbheis a tha ga toirt seachad ann an Ospadal Coimhearsnachd Bhàideanach is Srath Spè, ach cha do thill iad thugainn fhathast.
Tha iad air a ràdh roimhe ge-tà, gu bheil gu leòr de luchd-obrach aca mu choinneimh 20 leabaidh san ospadal a chleachdadh an-dràsta, is ceithir leapannan eile ma bhios feum orra san àm ri teachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Sultain 2021
- Air fhoillseachadh25 An Dàmhair 2023