Cù poileas ùr nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Tha mu dhà mhìos ann bho thòisich cù poileas ag obair anns na h-Eileanan an Iar.
'S e Viv a th' oirre - Cocker Spaniel a tha air a trèanadh gus drugaichean mì-laghail a lorg.
'S urrainn dhi fàileadh grunn dhrugaichean a lorg, nam measg cocain, cainb, heroin, agus ketamaine.
Tha am PC Calum Dòmhnallach, a tha a' cumail sùil oirre, ag ràdh gum faodadh àite glè chudromach a bhith aice ann an obair nam poileas.
"Na drugaichean a tha i air a trèanadh gus lorg fhaighinn orra, 's iad na drugaichean mì-laghail as motha a tha air an cleachdadh," thuirt e.
"Thèid aice air fàileadh nan drugaichean a lorg, ge bith a bheil iad air pearsa chuideigin, ann an togalaichean, no ann an carbadan."

Am PC Calum Dòmhnallach
Chan eil Viv air a bhith aig na poilis san sgìre fada ach tha i air a bhith soirbheachail bho thòisich i.
"Tha sinn air a bhith soirbheachail leatha aig Oifis a' Phuist agus nuair a tha sinn air a bhith a' cur bharantasan an sàs," thuirt am PC Dòmhnallach.
"'S e an rud fìor mhath mu dheidhinn Viv, thèid aice air àite an ìre mhath mòr a rannsachadh ann an ùine ghoirid.
"Thèid aice air rudan a lorg fiù 's tro bhallachan agus làir.
"Tha sròn coin eadar deich agus ceud mìle turas nas làidire na an t-sròn againne, agus 's e sin an t-adhbhar a tha iad cho luachmhor."

Tha Oifis a' Phuist am measg nan àiteachan far a bheil Viv air a bhith ag obair
Ach coltach ris a h-uile cù, bidh Viv ag iarraidh rudeigin dhi fhèin airson a taic.
"Mar a tha i air a treànadh, nuair a tha i air fàileadh a lorg air pacaid, bidh i an uairsin an dùil a duais fhaighinn," thuirt am PC Dòmhnallach.
"Le coin, tha mòran dhan obair aca stèidhichte air duaisean.
"Tha thu ag iarraidh gum bi iad ag obair dhut agus feumaidh iad a bhith toilichte airson sin a dhèanamh."
A thuilleadh air a bhith a' rannsachadh aig Oifis a' Phuist, tha Viv cuideachd air a bhith ga cleachdadh aig ionad nan aiseagan.
"Tha sinn a' dèanamh sgrùdadh an sin nuair a tha daoine a' tighinn a-steach dhan eilean," thuirt am PC Dòmhnallach.
"Tha fiù 's a bhith an làthair an sin, agus daoine a bhith gar faicinn, cho cudromach ri bhith a' lorg dhrugaichean oir tha e a' cur teachdaireachd a-mach gu bheil sinn a' dèiligeadh ris a' chùis."