"Cha bu chòir dhuinn a bhith a' strì airson buannachd coimhearnsachd"

Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir gum faigh an sgìre air fad buannachd à leasachaidhean uaine ge bith càite a bheil iad

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir dèiligeadh ri ùghdarras ionadail mar a' choimhearsnachd ionadail nuair a thig e gu na 'buannachdan coimhearsnachd' an cois thuathan-gaoithe is sgeamaichean uaine eile.

Dh'innis Àrd-oifigear Planaidh na Comhairle, Iain Coineagan, do Chomataidh an Leasachaidh Mhaireannaich gu bheil cruaidh fheum air leithid de dh'airgead.

Thuirt e: "Tha sinn faisg air suidheachadh far nach tèid againn air seirbheisean bunaiteach a mhaoineachadh air sgàth an t-suidheachaidh ionmhasail.

"Mar sin, tha an cothrom againn cuid de na suimean sin a chleachdadh airson na seirbheisean a dh'iarradh a' choimhearsnachd fhèin a thoirt seachad," mhìnich e.

Dh'innis Leas-chathraiche na comataidh, an Comhairliche Norrie Dòmhnallach, do na buill nach "bu chòir gum bi againn ri strì a dhèanamh airson buannachd fhaighinn à leasachaidhean carbon neòdrach sa sgìre".

Mapa a' sealltainn càite am bi tuathan-gaoithe far chosta na h-Alba Tùs an deilbh, BUIDHEANN MARA NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dà thuath-gaoithe far chosta Leòdhais a' moladh mar phàirt de sgeama ScotWind

Gheibh urrasan coimhearsnachd air Taobh Siar Leòdhais £4.5m sa bhliadhna bho luchd-leasachaidh tuath-gaoithe mara a tha san amharc sa sgìre sin.

'S e "aonta mìorbhaileach a bh' ann dhaibhsan" am beachd Mhgr Dhòmhnallaich.

Thuirt e ge-tà, "gur e a' chomhairle a dh'fheumadh pàigheadh airson milleadh sam bith a dhèanadh na làraidhean air Mòinteach Bharabhais.

"'S e dleasdanas na Comhairle pàigheadh airson càradh nan rathaidean, agus bidh an aon rud fìor nuair a thig e gu tuathan-gaoithe eile," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Dh'innis e do chomhairlichean gum bu chòir argamaid a dhèanamh airson agus gum bi buannachd an cois phròiseactan ath-nuadhachail airson nan Eilean Siar air fad ge bith càite a bheil iad sa sgìre.

"Tha sinn air a bhith a' strì airson seo fada gu leòr," thuirt an Comh Dòmhnallach.

"Cha bu chòir gum bi againn ri strì a dhèanamh agus 's e dìth ro-phlanadh Riaghaltas na h-Alba as coireach nuair a thig e gu buannachd don choimhearsnachd," thuirt e.

"'S e coimhearsnachd a th' anns an ùghdarras ionadail"

Thug comhairlichean taic do fhreagairt an ùghdarrais ionadail do cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air mar as motha a gheibh coimhearsnachdan buannachd à leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail.

Thuirt Mgr Coineagan: "Tha e coltach gu bheil beachd ann nach e an aon rud a th' ann an ùghdarras ionadail agus a' choimheasnachd.

"Tha sinne a' dèanamh argamaid làidir gur e a' choimhearsnachd a th' anns an ùghdarras ionadail.

"Tha e a' riochdachadh na coimhearsnachd, agus cha bu chòir gabhail ris a' bheachd nach fhaigh ùghdarrasan ionadail buannachd coimhearsnachd," mhìnich e.

Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd ag iarraidh gum faighear co-dhiù £7,500 airson gach megawatt, suim a tha a rèir ìre na h-atmhorachd.

A bharrachd air an sin dh'iarr iad gum bi dealan a ghabhas a reic gu h-ionadail "na phàirt riatanach de bhuannachd coimhearsnachd".