Gàrradh Chiseòirn ga thaisbeanadh

  • Air fhoillseachadh
Gàrradh Chiseòirn

Thèid an obair-leasachaidh a rinneadh aig Gàrradh Iarainn Chiseòirn a thaisbeanadh Diciadain le còrr air 90 neach bho ghnìomhachas na h-ola a' dèanamh air Srath Charrann.

Tha dòchas ann gun dearbh an turas dha na companaidhean gun fhiach Ciseòrn a chleachdadh airson pròiseactan mòra a-rithist.

Sna 1970an bha Gàrradh Chiseòirn gu math trang.

Fhuair còrr air 3,000 neach cosnadh aig an làraich ann an 1977 is Clàr Ninian ga thogail ann - clàr san robh cuideam de chòrr air 600,000 tunna.

Bha an làrach trang a-rithist sna 1990an agus pìosan de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich gan togail ann.

'S e glè bheag de dh'obair a tha air a bhith ann on uairsin ge-tà.

Aig an taisbeanadh Diciadain tha na buidhnean a th' air a bhith ag iomairt airson na làithean trainge a thoirt air ais an dòchas sealltainn do ghìomhachas na h-ola agus a' chumhachd ath-nuadhachail gu bheil cothroman ann fhathast dhaibh aig a' ghàrradh, is obair-leasachaidh air a bhith ga dèanamh ann.

Thuirt Sìm Ruiseal bho Phort Chiseòirn Eta gur e cothrom math a th' anns an là dearbhadh cho goireasach 's a tha an gàrradh, agus gu bheil iad deiseil airson iomadh seòrsa phròiseict.