Sgoil ùr ga h-iarraidh ann an Dùn Bheagain
- Air fhoillseachadh

Lìon pàirt den sgoil le bùrn às dèidh uisge throm
Nochd iarrtas às ùr airson sgoil ùr ann an Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach às dèidh mar a lìon àite fon t-seòmar clas le uisge.
Thuirt BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gu bheil an suidheachadh a' togail cheistean mu shlàinte agus sàbhailteachd an luchd-obrach agus na cloinne, agus gum feumar fuasgladh a lorg anns an aithghearrachd.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur phumpaichean air dòigh airson an t-uisge a leigeil a-mach às an togalach agus gun lìon iad an uair sin am fo-sheòmar gus nach fhaigh uisge a-steach ann a-rithist.
Thurt iad cuideachd gun do dh'ainmich iad Bun-sgoil Dhùn Bheagain mar thè de na prìomhachasan aca airson airgead fhaighinn bhon Riaghaltas, ach gun dèan iad obair sam bith a tha dhìth anns an eadar-ama airson an togalach a dhèanamh sàbhailte.