Cothrom 'son Gàidhlig aig cridhe Thursachan Chalanais

Tursachan ChalanaisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Urras nan Tursachan a' coimhead airson luchd-eòlais na Gàidhlig airson an cuid phlanaichean airson a' chànain aig an làraich aosmhoir a thoirt air adhart.

Tha leasachadh luach £10m a' dol air adhart air an ionad-tadhail sam bi taisbeanadh ùr mu na clachan a th' air a bhith nan seasamh airson mu 5,000 bliadhna.

Tha Urras nan Tursachan ag ràdh gu bheil iad airson 's gum bi a' Ghàidhlig fighte a-steach dhan taisbeanadh sin agus faicsinneach air an làraich air fad.

Tha iad ag ràdh nach e eadar-theangachaidhean litearail a tha iad ag iarraidh ach Gàidhlig cheart a thuigeas daoine.

Mar sin, tha iad a' sireadh phroifeasantach a bheir taic dhaibh an lèirsinn seo a thoirt gu buil.

Thuirt iad gu bheil iad airson cluinntinn bho luchd-labhairt na Gàidhlig, taobh a-muigh aig a bheil sgilean seanchais is sgrìobhaidh agus eòlas air mìneachadh dualchais.

Bhiodh cothroman ann cuideachd do dhaoine le sgilean didseatach agus do dhaoine a dh'ionnsaicheadh beagan Gàidhlig don luchd-obrach.

Tha iad ag ràdh gum bu mhiann leotha gum bi a' choimhearsnachd an sàs anns na tha a' dol aig na Tursachan agus gum bi ceangal ann le luchd-labhairt na Gàidhlig san sgìre.

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith mar phàirt den ro-innleachd aig Urras nan Tursachan tha suas gu an 10mh là den Iuchar agaibh fios a chur orra.

Tha dùil gum bi an obair-leasachaidh aig Tursachan Chalanais deiseil airson seusan turasachd 2026 agus gum bi suas ri 20,000 a' tadhal ann.