Fiosrachadh ga iarraidh an dèidh droch thubaist air an A82

- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh o dhuine sam bith a chunnaic droch thubaist air an A82 faisg air Baile a' Chaolais.
Chaidh oifigearan a ghairm chun na làraich mu 11:15m Diardaoin, 's tubaist air a bhith ann eadar càr Seat Leon agus bus.
Thugadh dràibhear agus neach a bha a' siubhal còmhla riutha anns a' chàr gu Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu, far a bheil iad ann an suidheachadh cugallach.
Cha robh aithrisean ann gun deach duine eile a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte fhad 's a rinn na Poilis rannsachadh, ach dh'fhosgail e a-rithist mu 7:15f.
"Tha mi ag iarraidh air duine sam bith a bha a' siubhal air an A82 mu 11:15m Diardaoin 's a chunnaic na thachair fios a chur oirnn," thuirt an Sgt Ewan Calder.
"Ma chunnaic sibh fear seach fear de na carbadan mus do thachair an tubaist 's fiosrachadh agaibh a dh'fhaodadh an rannsachadh againn a chuideachadh, thigibh thugainn.
"Dh'iarrainn cuideachd air dràibhearan le dealbhan dashcam sùil a thoirt air ais air 's rud sam bith cudromach a thoirt gu ar n-aire."
Faodaidh duine sam bith le fiosrachadh bruidhinn ri Poileas Alba air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 1206 den 3mh là den Iuchar 2025.