Finlay J aig 100

Fionnlagh Dòmhnallach - no Finlay J mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e
- Air fhoillseachadh
Thèid beatha aon de dh'fhuamhairean mòra saoghal na Gàidhlig a chomharrachadh an t-seachdain seo le 100 bliadhna ann bho rugadh an sgrìobhaiche agus an craoladair Fionnlagh Dòmhnallach - no 'Finlay J' mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e.
Rugadh Fionnlagh air a' 4mh là dhen Iuchar 1925. Chaidh a thogail air fearann ann am baile Sgarastaidh ann an ceann a deas na Hearadh mar phàirt de theaghlach chroitearachd.
Bhon sin, thigeadh ceangal làidir ris an àite dham buineadh e fad a bheatha, gu sònraichte anns na bliadhnaichean a chuir e seachad ann an craoladh.
Eadar a bhith ag aithris air sgeulachdan às na h-eileanan, gu bhith a' cruthachadh phrògraman mun deidhinn agus dòigh-beatha nan eileanach, choisinn e cliù mar chraoladair aig an ìre as àirde.
Bha e cuideachd air a mheasadh mar shàr-sgrìobhadair. Bho sgeulachdan goirid agus sgrìobhadh ann an irisean, gu na trì leabhraichean mòra a chaidh fhoillseachadh faisg air deireadh a bheatha.
Duine soirbheachail a bh' ann anns gach seagh cha mhòr.

Bha Fionnlagh (clì) na riochdaire air grunn phrògraman stèidhichte air na h-eileanan
Ged is ann an lùib teaghlach croitearachd a bha Fionnlagh, fhuair e bogadh ann an gnothaichean foghlaim aig aois òg tro athair.
Chaidh Dòmhnall Iain MacSuain a thogail air an fhearann ri taobh teaghlach Fhionnlaigh.
"Tha cuimhne agam air a bhith am broinn an taighe mar chloinn. Dh'fheumamaid a bhith sàmhach aig uair feasgar ge-tà, oir bha am bodach airson na naidheachdan fhaighinn," tha Dòmhnall Iain ag ràdh.
"Chan e croitear a bh' ann mar siud, bha e nas fhoghlamaichte, agus bha e a' lorg rudan nas fheàrr na croitearachd."
Dh'fhaodadh gur e am bogadh sin a chuir Fionnlagh air an t-slighe gu soirbheachas. Dh'fhàg e Sgarastadh agus na Hearadh aig aois òg gus tuilleadh foghlaim fhaighinn ann am Port Rìgh.
Bhon sin, ghluais e a Ghlaschu, agus e an làn-bheachd leantainn air dhan mhinistearalachd. Cha do mhair sin ach timcheall air bliadhna mus do thòisich e ag obair aig a' BhBC. Chaidh e bho neart gu neart an uairsin.

Fionnlagh ag aithris à Sealtainn nuair a thòisich craoladh telebhisein an sin
Chan fhada às dèidh dha tòiseachadh a thuig a cho-obraichean agus an luchd-èisteachd a chuid thàlant. Bha a ghuth gu sònraichte aithnichte fad 's farsaing.
"Bha guth brèagha aige", dh'innis Dòmhnall Iain MacSuain dhomh. "Bha am blas aige cho Gàidhealach 's a bha i a-riamh."
Chuir Ailean Caimbeul eòlas air Fionnlagh tro a bhith ag obair còmhla ris aig a' BhBC.
"Duine comasach a bh' ann. A bharrachd air na sgilean eanchainn a bh' aige, agus na comasan sgrìobhaidh agus labhairt a bh' aige, tha mi a' creidsinn gur dòcha gur ann air a' ghuth a bu mhotha a bha an luchd-èisteachd a' cur meas."
"Duine eirmseach a bh' ann, a dheadh an sàs ann an geur-chainnt agus dibhearsan ann an dòigh shocair, èibhinn."
Aig cridhe mòran de na prògraman anns an robh Fionnlagh an sàs - bha an ceangal aige ri dhachaigh anns na Hearadh.
'S iomadh prògram a chaidh a stèidheachadh air dòigh-beatha eileanach, rud air an robh e fhèin mion-eòlach. Bha sin follaiseach nuair a chruthaich e am film "A Boy in Harris" anns na 60an.
Bha am film a' leantainn beatha an Urramaich Donnie MacSuain - a thogadh ann an Sgarastadh cuideachd.
Bheireadh Donnie mìneachadh air a bheatha, le Fionnlagh ag aithris air criomagan cuideachd.
Dh'innis Donnie gun robh e fhèin mothachail aig an àm, ged is e esan a bha aig cridhe an fhilm, gun robh Fionnlagh ag innse sgeulachd òige fhèin aig an aon àm.
An t-Urramach Donnie MacSuain a bha na chleasaiche anns an fhilm "A Boy in Harris"
Bha Fionnlagh aithnichte fad bhliadhnaichean mar fhear aig an robh sàr chomas sgrìobhaidh. Na ùine ann am Port Rìgh, bha e mar phàirt de sgioba a chruthaich iris fon ainm An Cabairneach.
Fhad 's a bha e aig obair còmhla ris a' BhBC, stèidhich e an iris Gairm còmhla ri Ruairidh MacThòmais ann an 1952. Chuireadh e seachad grunn bhliadhnaichean an dà chuid a' sgrìobhadh airson na h-iris, agus cuideachd na dheasaiche.
Nas anmoiche na bheatha, chaidh aige air aonta a ruighinn le luchd-foillseachaidh a leigeadh leis leabhraichean a sgrìobhadh.
Sgrìobh e trì dhiubh, Crowdie & Cream, Crotal & White agus The Corncrake & the Lysander, air an stèidheachadh air an togail aige fhèin anns na Hearadh. Tha na trì leabhraichean sin fhathast rim faighinn an-diugh.
Tha an Dtr Petra Poncarová aig Oilthigh Ghlaschu air a bhith a' sgrùdadh sgrìobhaidhean Fhionnlaigh.
"Tha na sgrìobhaidhean aige cumhachdach agus làidir", dh'innis i dhomh.
"Tha tòrr de na sgrìobhaidhean aige èibhinn, rud a tha a' còrdadh rium gu mòr. Tha cuid eile ann a tha duilich agus dòmhain."
"Tha e dìreach a' cur iongadh orm cho math 's a bha e air a h-uile cail."
An Dtr Petra Poncarová a' toirt beachd air sgrìobhaidhean Fhionnlagh Iain Dhòmhnallaich
Chan e mhàin air pàipear a bha a chuid sgrìobhadh soirbheachail. Chaidh cuid de na sgeulachdan aige a dhèanamh ann an cruth telebhisein cuideachd. Sin a thachair ann an 2001, nuair a chruthaich am BBC an sreath dràma Gruth is Uachdar stèidhichte air leabhraichean Fhionnlaigh.
Sin a' chiad eòlas a chuir mi fhèin air obair Fhionnlaigh.
'S mi "Fionnlagh òg" anns an t-sreath, mus do lean Dòmhnall Carlin le obair cleasachd sònraichte gus a riochdachadh nuair a dh'fhàs e beagan na bu shine.
Cha robh mi ach eadar 6 no 7 bliadhna a dh'aois aig an àm agus leis an sin, cha robh tuigse buileach ceart agam air dè dìreach cho math 's a bha sgrìobhaidhean agus sgeulachdan Fhionnlaigh.
Bhon uairsin, tha mi air tuigse fhaighinn air an tàlant a bh' aige, cho èibhinn 's a bha e, agus cho dìleas 's a bha e ris an àite dham buineadh e - agus na daoine a bha mun cuairt air.
'S e Gruth is Uachdar cuideachd a' chiad bhlas a fhuair mi fhèin air na meadhanan, agus sin a phiobraich mi gus leantainn orm gus obair fhaighinn anns na meadhanan Gàidhlig.
Gu cinnteach, mura b' e Gruth is Uachdar agus gu sònraichte Finlay J, cha bhiodh sin air tachairt.

Na cleasaichean a chluich teaghlach Fhionnlaigh ann an "Gruth is Uachdar": Coinneach MacRath, Donna Nic'illeMhoire, Dòmhnall Carlin agus mi fhèin.
Bhàsaich Fionnlagh air an 14mh den Dàmhair, 1987 - an aon sheachdain 's a bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga chumail ann an Sruighlea. Aig an àm, chaidh a mheasadh mar aon de na Gàidheil as cudromaiche riamh.
Dh'fhàg mòran cuideachd gur e call mòr a bh' ann do chraoladh agus litreachas na h-Alba - an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla.
Gu cinnteach, bha sin fìor, ach tha e nas cinntiche buileach gun do dh'fhàg e sàr-dhìleab às a dhèidh.
Ann an leabhraichean agus sgeulachdan, ach cuideachd ann an seirbheis chraolaidh Gàidhlig - ma dh'fhaoidte nach biodh ann mura b' e an sàr-obair a rinn e fhèin agus iomadach neach eile san là a bh' ann.
Mar sin, tha e airidh air gach moladh.
Sàr-chraoladair, sàr-sgrìobhadair, sàr-Ghàidheal agus sàr-Hearach.