"Bidh rudan uabhasach a' tachairt"

Laura Jane Wilkie
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na chunnaic Laura Jane Wilkie ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta a' dèanamh dragh dhi, tha i ag ràdh

  • Air fhoillseachadh

B' fheàrr le Laura Jane Wilkie gun robh neach-ciùil boireann eile air bruidhinn gu fosgailte mu dhol a-mach mì-iomchaidh ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta is folk nuair a bha ise na b' òige.

'S e fìdhlear a tha ag obair air a ceann fhèin a th' innte. Tha i air a bhith mar phàirt den t-saoghal seo airson còrr is 17 bliadhna.

"Tha droch rudan air tachairt dhomh bho bha mi mu 15," dh'innis i dhomh. "Tha na rudan sin, na rudan a th' air tachairt do dhaoine eile agus na rudan a tha mi air fhaicinn a' dèanamh dragh dhomh."

"Bidh rudan uabhasach a' tachairt. Nuair a tha daoine a' gabhail ris gun robh iad ceàrr, ag ràdh gu bheil iad duilich agus ga chiallachadh, tha sin sgoinneil. Ach chan eil sin an-còmhnaidh a' tachairt agus sin an trioblaid."

Tha sgeulachdan mu na dùbhlain a tha mu choinneimh bhoireannach ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta is folk ann an Alba air a bhith a' nochdadh air na meadhanan sòisealta airson grunn bhliadhnaichean a-nis.

Do mhòran 's e saoghail mì-fhoirmeil a th' ann, far a bheil luchd-ciùil de gach aois am measg a chèile, ann an àrainneachd far a bheil deoch-làidir uaireannan gu mòr an lùib a' ghnothaich. Chan eil leithid de rud ann ri roinn HR.

Gu ruige seo, 's e glè bheag de rannsachadh a th' air a bhith air a dhèanamh air a' chuspair, ach tha sgioba aig Oilthigh Ghlaschu an dòchas sin atharrachadh. Tha iad air suirbhidh a chur air bhog air-loidhne agus iad an dòchas dàta a chruinneachadh bho bhoireannaich a bha, no a tha fhathast, an lùib an t-saoghail seo ann an Alba.

An Dr Kelly NicIain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Dr Kelly NicIain ag ràdh gu bheil e cudromach dàta neo-eisimeileach a chruinneachadh

Tha iad an dòchas gum bi an fhianais a chruinnicheas iad cuideachail ann a bhith a' lorg fuasglaidhean. A rèir an Dr Kelly NicIain, a tha an lùib an rannsachaidh, tha e cudromach dha-rìribh fiosrachadh a thrusadh.

"Nuair a bhruidhinneas aon duine a-mach," thuirt i, "tha e cho furasta do chuideigin eile a ràdh nach do thachair sin dhaibhsan agus nach eil e gu diofar. Ma chruinnicheas sinn dàta neo-eisimeileach, a tha fa leth bho shaoghal a' chiùil, tha sinn an dòchas gun cruthaich sin ùrlar dhan chòmhradh mu na tha a' tachairt agus mar a bu chòir dèiligeadh ris."

Tha Laura Jane a' faicinn an rannsachaidh mar cheum air adhart, agus i dòchasach gun tìg modail coltach ri roinn HR às.

"Bhithinn an dòchas gum biodh foghlam an lùib seo a dh'ionnsaicheadh do dhaoine mar a bu chòir dhaibh a bhith gan giùlain fhèin ann an saoghal a' chiùil. Tha barrachd air cluich agus ullachadh ann.

"Tha e a' tòiseachadh nuair a tha thu a' tòiseachadh ag ionnsachadh bho thidsearan. Faodaidh na loidhnichean a bhith gu math mì-shoilleir an uairsin, gu h-àraid ma tha an tidsear agus an sgoilear le chèile nas sine na 18."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chan eil e furasta do luchd-ciùil bruidhinn gu poblach mun chuspair seo. Mar bhoireannaich a tha ag obair air an cinn fhèin, tha eagal air cuid gun toir e buaidh air na h-obraichean a tha iad a' faighinn. Thuirt an Dr Kelly gu bheil làn-tuigse aig an sgioba rannsachaidh gur e còmhradh doirbh agus frionasach a tha seo, ann an iomadach dòigh.

"Tha an ceòl seo cho cudromach dhan chultar againn, tha e brisg ann an dòighean agus tha e glè thric stèidhichte air coimhearsnachdan a tha gu math dlùth. Ach aig a' cheart àm, tha e cudromach gur e àrainneachd a th' ann a tha sàbhailte dhan a h-uile duine a tha airson a bhith na lùib."

Bha e cudromach dha-rìribh do Laura bruidhinn mun chuspair seo - gus boireannaich òga eile a bhrosnachadh, ann an oidhirp saoghal a tha cho prìseil do mhòran a dhèanamh nas sàbhailte dhaibh.

"Tha e cudromach gun cùm sinn oirnn a' bruidhinn mun seo. Saoilidh mi gur e sin an aon dòigh as urrainn do chùisean atharrachadh agus fàs nas fhèarr."

Tha taic ri fhaighinn aig Loidhne-Gnìomha a' BhBC.