"Tha e coltach ri bhith a' ruith companaidh a th' ann an èiginn"

Tha dragh às ùr ann gun toir obair-càraidh air an MV Lord of the Isles buaidh air seachdain fèis Cheòlas ann an Uibhist a Deas
- Air fhoillseachadh
Thuirt Àrd-Oifigear Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, Donnchadh Mackison, gu bheil an obair aige air a bhith coltach ri bhith a' ruith companaidh a th' ann an èiginn 's e a' coimhead air ais air còrr is bliadhna san dreuchd.
Tha e ag ràdh ge-tà, gu bheil adhartas ann leis an ro-innleachd aige dhan chompanaidh aiseagan.
Tha Mgr Mackison agus Cathraiche ChalMac, Erik Østegaard, air thuras dha na h-Eileanan agus mì-thoileachas ann uair eile mu sheirbheis Uibhist a Deas.
Tha troimhe-chèile nach beag air a bhith ann leis an t-seirbheis, 's an MV Lord of the Isles tric air a gluasad gu slighean eile ri linn obair-càraidh air soithichean eile.
A-niste, tha obair-càraidh air an Lord of the Isles fhèin ga toirt air falbh deireadh seachdain na fèise Ceòlas.
Oileanaich Eadar-nàiseanta
Bha Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas air feuchainn ri toirt air CalMac dàil a chur air an obair sin gus am biodh Ceòlas seachad, gus daoine a thig à fad is farsainn a thilleadh a Mhalaig mar a bha iad an dùil.
"Tha sinn air guidhe riutha sin a dhèanamh, ach cha tugadh feart oirnn," thuirt John Daniel Petranna, bhon bhuidhinn.
"Thèid soitheach eile a cur na h-àite, ach bidh i a' dol dhan Òban.
"Tha tòrr oileanach eadar-nàiseanta a' tighinn à Aimeireaga, Canada, Astràilia, air feadh an t-saoghail, air na planaichean siubhail aca a chur air dòigh mòran mhìosan air thoiseach.
"'S e na chunnaic sinn an-uiridh gun do tharraing grunnan dhaoine a-mach ri linn atharrachaidh uair eile aig a' mhionaid mu dheireadh air an aiseag air seachdain Cheòlas.
"Mura h-èist iad rinn, dè an tairbhe a th' ann dhaibh a bhith a' bruidhinn rinn?
"Dè an tairbhe a th' ann na manaidsearan slighe a bharrachd a tha seo a bhith gan cur an àite?
"Mar a tha mise ga fhaicinn, cha thairbhe idir. Tha sinn a' dol air ais, seach air adhart."

Tha còrr is bliadhna a-niste bho ghabh Donnchadh Mackison thairis an dreuchd
Thurchar gu bheil an gearan sin a' tighinn agus Mgr Mackison agus Mgr Østegaard air an turas aca dha na h-Eileanan, a choinneachadh ri diofar bhuidhnean is luchd-obrach na companaidh.
Tha bliadhna bho ghabh Mgr Mackison an dreuchd.
"Tha e air a bhith glè thrang, agus airson an fhìrinn innse, a' mhòr-chuid den ùine tha e air a bith caran coltach ri bhith a' ruith buidhne a th' ann an èiginn," thuirt e.
"Tha tòrr den aire agamsa air a bhith air gnothaichean obrachail aig ìre mhionaidich, ach a dh'aindeoin sin, saoilidh mi gun do ghabh sinn ceumannan mòra air adhart a thaobh ro-innleachd san ùine fhada cuideachd."
Am measg na ro-innleachd sin, thugadh atharrachadh air structar na companaidh le bhith a' cur a-steach mhanaidsearan sgìreil airson, nam facail fhèin," dèanamh cinnteach gu bheil guthan coimhearsnachd nas fhaisge air co-dhùnaidhean na companaidh.
Aois nan Soithichean
A dh'aindeoin sin ge-tà, chan eil muinntir Uibhist a Deas, am measg eile, fhathast a' faireachdainn gum faigh iad èisteachd.
"Tha iad ceart a bhith le dragh mun seo - 's tha mòran phàirtean den lìonra a tha le dragh," thuirt Mgr Mackison.
"Air a' cheann thall, 's e aois nan soithichean a th' air cùlaibh nan dùbhlan a tha romhainn uile.
"Agus tha aois nan soithichean air cùlaibh iad a bhith a' briseadh sìos, 's an uair sin 's ann mu na nì sinn airson cumail a' dol san t-suidheachadh sin a tha an deasbad.
"Thug sin uile buaidh mhòr air Uibhist a Deas ri linn nan taghaidhean a rinneadh.
"Mar a bheir sinn soithichean ùra a-steach, lùghdaichidh a' bhuaidh air na seirbheisean againn.
"Cha bhi sinn a' cur seachad uiread de dh'ùine ri smàladh mar gum biodh, 's cur shoithichean air slighean eile, 's cuiridh sinn barrachd ùine seachad a' leasachadh nan seirbheisean 's socrachadh sìos."

Tha Cathraiche ChalMac, Erik Østegaard, dòchasach, le atharrachaidhean a tha gan dèanamh, gum faigh coimhearsnachdan an èisteachd a tha iad ag iarraidh
'S e aon de na gearainnean as motha a th' air a bhith ann mu ChalMac sna bliadhnaichean mu dheireadh, nach eil am Bòrd-Stiùiridh a' tuigsinn iarrtasan choimhearsnachdan, leis nach eil an t-eòlas sin aig na stiùirichean.
Tha Cathraiche ChalMac, Erik Østegaard, dòchasach ge-tà, gu bheil sin a' dol a dh'atharrachadh.
"An-dràsta tha bòrd againn a tha air a deagh chur ri chèile, leis na h-uimhir de dhiofar sgilean ann a tha a dhìth airson buidheann mhòr agus iom-fhillte de ar leithid a stiùireadh," thuirt e.
"Tha sinn dìreach air pròiseas tagraidh a dhùnadh airson dithis bhall ùra air a' Bhòrd far a bheil sinn gu sònraichte a' sireadh riochdaire eileanaich airson fear aca aig a bheil tuisge fharsainn air gnothaichean eileanach.
"'S an uair sin tha sinn a' sireadh ball eile le eòlas air IT agus AI 's mar a ghabhas sin cur an sàs sa bhuidhinn. B' fheàrr gur e eileanach a bha sin cuideachd.
"Tha tagraidhean ann a thiocadh na bocsaichean sin."
Bidh gu leòr ùine aig coimhearsnachdan anns an deich bliadhna 's an còrr a th' air fhàgail de chùmhnant CalMac co-dhùnadh a bheil Mgr Østegaard ceart.