Fosgladh oifigeil do sgoil ùr Sròn an t-Sìthein

  • Air fhoillseachadh
Taobh a-muigh na sgoile
Fo-thiotal an deilbh,

Leas-Phrìomh Mhinistear John Swinney aig fosgladh oifigeil sgoil ùr Sròn an t-Sìthein

'S e là mòr a th' ann an Sròn an t-Sìthein 's a' bhun-sgoil ùr ga fosgladh gu h-oifigeil.

Thog a' choimhearsnachd fhèin an t-airgead airson an togalaich às dèidh dhaibh cur an aghaidh phlanaichean Comhairle na Gàidhealtachd airson na sgoile a bh' ann.

Bidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, John Swinney, ann an Sròn an t-Sìthein airson an togalach fhosgladh.

Tha an sgoil air a bhith fosgailte bho dheireadh an Dàmhair an-uiridh, agus tha gnothaichean air a bhith a' dol gu math bhon uairsin a rèir ceannard na sgoile Crìsdean Millar-Craig, a tha cuideachd na cheannard air Àrd-Sgoil Àird nam Murchan.

"'S e sgoil fìor ionadail agus coimhearsnachd a th' ann a chionn 's gun do thog sgioba sa choimhearsnachd fhèin airgead airson a togail", thuirt e.

Toilichte

"'S e togalach gu math eadar-dhealaichte a th' ann. Tha na sgoilearan toilichte leis is tha na tidsearan toilichte leis, is tha rudan a' dol gu math.

"Tha dà rum teagaisg ann a tha glan, soilleir; rum nan tidsear agus dà oifis, agus àite muigh airson na sgoilearan a bhith a' cluich.

"'S e là mòr a bhios againn an-diugh. Tha tòrr dhaoine a bha an sàs leis an togalach ùr a' tighinn, a bharrachd air an Leas-Phriomh Mhinistear John Swinney, agus bidh a' chlann an sàs ann.

"'S e là mòr a th' ann dhan choimhearsnachd," thuirt Mgr Millar-Craig.

Staid

Chaidh an t-seann sgoil a thogail anns na 1970an agus às dèidh measaidh a chaidh a dhèanamh ann an 2014 bha e follaiseach nach robh an togalach ann an staid a bha freagarrach airson foghlam chloinne.

Cho-dhùin a' choimhearsnachd airgead a thogail airson sgoil ùir, is iad an aghaidh na bha a' Chomhairle am beachd a dhèanamh, sin atharrachadh a dhèanamh air an t-seann sgoil.

Tha mu 30 sgoilear anns an sgoil, a tha suidhichte air an Rubha Mhurchanach.

Chaidh còrr air £900,000 a thogail tro mheasgachadh de ghrantaichean agus earrannan coimhearsnachd.

Agus ma thig àm ann nach bi an togalach a dhìth na sgoil, chaidh a dhealbhachadh ann an dòigh is gun gabhadh e tionndadh gu furasta gu taighean air prìs reusanta airson na coimhearsnachd.