Poileasaidh Comhairle na Gàidhealtachd mun Ghàidhlig fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh
![sgoilearan](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/6045/production/_109054642_gaelic_school.jpg)
Thuirt ceanard Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil maoineachadh 'son foghlam Gàidhlig mì-chothromach agus gu bheil clann Bheurla a' call a-mach.
Nochd Mairead NicDhàibhidh a beachdan ann an litir gu Alasdair Allan BPA a tha na Neach-Gairm Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Bha Mgr Allan air sgrìobhadh chun na comhairle a' nochdadh dragh na buidhne mu mar a làimhisich an t-ùghdarras ionad ùr foghlam tràth bhliadhnaichean ann an Slèite.
Bha connspaid a' cuairteachadh co-dhùnaidh an ùghdarrais a' chlann gu lèir - Beurla agus Gàidhlig - a chur còmhla air an aon làraich san togalach.
![Bun-Sgoil Shlèite](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/9FE7/production/_108553904_sleat.jpg)
Aig an àm mhìnich Àrd Oifigear Comhairle na Gàidhealtachd, Donna Manson, gum feumar prìomhachas a chur air ion-ghabhaltas agus na h-aon chothroman a thoirt don a h-uile pàiste.
Na freagairt do Mgr Allan thuirt Mairead NicDhàibhidh gu robh Donna Manson glè cheart sna thuirt i, agus thuirt i gu bheil an dòigh sa bheil foghlam Gàidhlig ag obrachadh mì-chothromach.
Tha i ag ràdh nach eil co-ionnanachd ann eadar cothroman do chloinn-sgoile na Gàidhlig agus na Beurla.
Na beachd, tha sgoilearan Gàidhlig a' faighinn ghoireasan nas fheàrr agus 's urrainn dhaibh a dhol air tursan agus a dhol an-sàs san leithid geamannan iomain, roghainnean nach eil rim faotainn do chloinn am foghlam Beurla, tha i ag ràdh.
![Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/976/cpsprodpb/1479B/production/_103276838_schooolwideshot.jpg)
'S i Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh an treas sgoil Ghàidhlig fa leth a stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd
Dhearbh i cuideachd nach eil sgoiltean fa leth Gàidhlig ùra san amharc aig a' chomhairle, agus thog i air mar a rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh sgaradh ann an coimhearsnachd a' bhaile.
Thuirt i gun deach còrr agus £10m a chosg air sgoil ùr Ghàidhlig le sgoilearan Beurla air am fàgail san t-seann sgoil agus gu bheil sin air cuid fhàgail mì-thoilichte.
Tha a' bhuidhean strì Misneachd air càineadh làidir a dhèanamh air seasamh Comhairle na Gàidhealtachd.
Thuirt iad gu bheil iad air gearan mun chomhairle a chur gu Coimisean Inbhean na h-Alba.