Dòchas gun cuir seann ghnìomhachas spionnadh nuadh an Eilean Luing

Seann luchd-obrach an sglèata an Eilean LuingTùs an deilbh, BUIDHEAN EACHDRAIDH EILEAN LUING
Fo-thiotal an deilbh,

Bha còrr agus 600 duine a' fuireach an Eilean Luing nuair a bha gnìomhachas na creige aig àirde

  • Air fhoillseachadh

Fhuair Urras Coimhearsnachd Eilean Luing £1.8m bho Riaghaltas na h-Alba airson an iomairt aca seann chuaraidh sglèata a dhùin bho chionn 60 bliadhna fhosgladh às ùr.

Tha dòchas ann cuideachd gun tarraing cosnaidhean aig a' chuaraidh teaghlaichean òga chun an eilein a tha a' fulang crìonadh sluaigh.

"Bha sglèat gu math cudromach ann an eachdraidh an eilein," thuirt Innes MacCuithein, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Eilean Luing.

"B' e am prìomh ghnìomhachas a bh' ann agus bha a' mhòr-chuid de mhuinntir an àite ag obair sna creagan."

Tobhta ann an Luing
Fo-thiotal an deilbh,

Bha 15 cuaraidhean ann an Eilean Luing aig aon àm

Aig àirde a' ghnìomhachais sna 1800an bha 15 cuaraidhean ann agus bha còrr is 600 duine a' fuireach ann.

B' e buille mhòr do dh'Eilean Luing nuair a sguir iad den obair sna 1960an, ach tha dòchas às ùr ann gum bi cothroman ùra dhaibh an cois an sglèata agus gum bi fèill air.

Thuirt Innes MacCuithein: "Chan eil sglèat Albannach ri fhaighinn an-dràsta agus tha glè bheag air fhàgail leis gun do dhùin na creagan cho fada air ais.

"Tha e gu math cudromach gu h-àraidh airson seann togalaichean timcheall na dùthcha sglèat Albannach a bhith aca.

"Tha sinn an dòchas gun dèan e diofar mòr dhan choimhearsnachd againn."

Innes MacCuithein
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Innes MacCuithein an dòchas gun toir fosgladh a' chuaraidh ath-bheòthachadh air an eilean

Tha dòchas gum bi ath-fhosgladh a' chuaraidh a chùm math na h-àrainneachd cuideachd.

Tha na stoirmean mòra nas bitheanta an cois atharrachadh na gnàth-shìde ag adhbharachadh crìonadh nan cladaichean.

B' àbhaist sgudal bho ghnìomhachas an sglèata a bhith air a chleachdadh airson cur ris a' mhol ach chaidh a' chuid as motha den stuth sin a sguabadh air falbh.

Tha sin a' fàgail cladaichean an eilein gun an dìon a bha uair aca.

"Gach bliadhna tha cron air a dhèanamh air a' chladach agus a dhèanamh nas cunnartaiche dha na taighean a tha faisg air agus airson a' bhaile air fad," thuirt Innes MacCuithein.

Tha e ag ràdh "gur e rud a tha deatamach airson am baile a shàbhaladh" gun tòisich iad uair eile a' cleachdadh sgudail bho obair an sglèata airson na cladaichean a neartachadh.

Stoirm Aiden a' bualadh air CoileapollTùs an deilbh, CAILEAN BOCHANAN
Fo-thiotal an deilbh,

Am milleadh a rinn Stoirm Aiden ann an Coileapoll ann an 2019

Tha Cathraiche Urras Coimhearsnachd Eilean Luing, Cailean Bochanan, ag ràdh gur e "am prìomh amas cur ri àireamh sluagh an eilein".

Thuirt e: "Tha sinn airson teaghlaichean a thoirt air ais an seo.

"A bhith a' toirt air ais obraichean làn-ùine le pàigheadh math agus a bhith a' cur spionnadh ris an eaconomaidh, tha sin bunaiteach airson cur ri àireamh an t-sluaigh.

"Tha iarrtas ann airson an sglèata, mar sin tha buannachd an cois an dà chuid obraichean sgileil a chruthachadh agus gnìomhachas prothaideach a bhith againn."

Tha dùil gun tèid obair a thòiseachadh cho tràth ri deireadh na bliadhna sa.

Cailean Bochanan
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Cailean Bochanan gur e daoine ùra a thàladh deatamach gus am bi a' choimhearsnachd seasmhach