Cathraiche ùr air Comataidh na Gàidhlig

Drew Millar
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an comhairliche Sgitheanach Drew Millar ainmeachadh mar chathraiche ùr Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha an dreuchd sin bàn às dèidh do Chalum Rothach Comhairle na Gàidhealtachd fhàgail.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan sa Ghearran is e air innse gum biodh e a' seasamh sìos, thuirt Mgr Rothach gun robh e misneachail gun robh an t-ùghdarras ionadail air adhartas a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig.

"Nuair a thòisich mi bha ceistean ann mun tuigse a bh' aig a' chomhairle mun Ghàidhlig is dè cho dealasach 's a bha iad mun Ghàidhlig", thuirt e.

"Cha robh comataidh Gàidhlig aca.

"Tha oifigearan math, math againn is tha sinn air inbhe na Gàidhlig a thogail taobh a-staigh na comhairle, agus cuideachd tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' faicinn gu bheil a' chomhairle fhèin a' toirt barrachd spèis dhan Ghàidhlig na bha - no na bha daoine a' creidsinn a bha - nuair a thòisich mi."

Bha Drew Millar còrr air 20 bliadhna na chomhairliche san Eilean Sgitheanach mus an do chaill e an suidheachan aige san taghadh ionadail ann an 2017.

Thill e mar chomhairliche ann an 2022.