AI aig na Fèisean?

Co-labhairt Amplify ann an Leòdhas
  • Air fhoillseachadh

Dè a' phàirt a bhios aig teicneòlas AI ann an teagasg ciùil san àm ri teachd? Sin an seòrsa ceist a tha air beulaibh mu 30 neach ann am Bràgar an t-seachdain seo agus pròiseact Amplify air cruinneachadh ann an Leòdhas.

Tha Amplify a' toirt bhuidhnean cruthachail, luchd-rannsachaidh agus eòlaichean teicnigeach còmhla feuch goireasan a chruthachadh do dhaoine a tha airson a bhith an sàs anns na h-ealain còmhla ach aig a bheil cnapan-starra a thaobh cheangalaichean phiosaigeach no ann an teicneòlas.

Fhuair Amplify faisg air €4m (£3.36m) de mhaoineachadh bhon bhuidhinn Horizon Europe - pàirt den Chomisean Eòrpach a tha gu sònraichte a' coimhead air rannsachadh is ùr-ghnàthachadh.

Mhìnich Mikel Zorrilla, co-òrdanaiche pròiseact Amplify, gu bheil iad ag amas gu sònraichte air daoine a thoirt còmhla.

"Tha sinn a' coimhead air rudan "phygital" - phiosigach agus didseatach, còmhla.

"Chunnaic sinn anns a' phandemic mar eisimpleir, tòrr ghnothaichean traidiseanta a' gluasad gu bhith beò air an eadar-lìon.

"Tha sinne a' creidsinn ge-tà, gu bheil ceum seacad air sin, a bhith a' cleachdadh tuigse-ìnnealta (AI) agus fìorachd-leudaichte (extended reality), gun tèid againn air rudan a chruthachadh a bhios a' toirt daoine a-steach air rud sam bith mar sin seach dìreach a bhith ga choimhead."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Fèisean nan Gàidheal am measg 14 buidheann a tha an sàs sa phròiseact agus ged a tha iad an dùil gum mair Amplify 10 bliadhna, tha na fèisean gu bhith a' faighinn prìomhachas cuid de na goireasan ùra a chleachdadh is iad mar phàirt de sgeamh pìleat airson 'Amplify Portable' agus 'Amplify Immersive' a chleachdadh.

Chan eil Calum Ailig Mac a' Mhaoilein air tòiseachadh san obair ùr aige mar àrd-oifigear Fèisean nan Gàidheal buileach fhathast, ach tha e den bheachd gum bi teicneòlas mar seo cudromach dha na fèisean san àm ri teachd.

"Tha sinn air tòrr obair a dhèanamh le bhith ag ionnsachadh air-loidhne", thuirt e, "tha tòrr dha na fèisean againn fhathast ga cur gu feum, far a bheil beàrnan ann.

"Chan eil sinn idir ag ràdh gu bheil seo gu bhith gabhail thairis bho theagasg aghaidh ri aghaidh, no tighinn còmhla, 's e sin as cudromaiche, sin a tha sinn ag iarraidh.

"Tha suidheachaidhean ann far a bheil beàrnan ann, far nach eil clann a' faighinn cothrom a bhith ag ionnsachadh ach tha seo a' toirt cothrom dhuinn a bhith faighinn dhan chloinn sin."

Clann aig leasan ciùilTùs an deilbh, Fèisean nan Gàidheal

Tha Calum Ailig a' faicinn gun gabhadh leithid a theicneòlas a chleachdadh taobh a-muigh saoghal nam fèisean cuideachd.

Gheibheadh còmhlain cothrom cluiche còmhla na bu thrice 's dòcha, no bhiodh fèill air a leithid anns na mìosan ron Mhòd gach bliadhna.

"Tha laigsean ann leis an rud a th' againn an-dràsta ach 's e gu bheil sinn a' feuchainn ri faighinn seachad air sin.

"Le dàil anns a' bhann-leathann, 's dòcha gu bheil e duilich cuidhteas fhaighinn air sin an-dràsta, ach tha dòighean eile ann.

"Ged a bhiodh dàil ann, 's dòcha gum b' urrainn do dh'oide rudeigin a chlàradh agus a chur gu luath agus gum biodh an com-pàirtiche a' cluich còmhla ris agus le còisirean agus a leithid, ghabhadh a chur gu feum agus tha mi an dòchas gur ann mar sin a thèid a chleachdadh."

Fo-thiotal a’ bhidio,