Duaisean 'son an An t-Eilean a' toirt "togail is misneachd" dhan Ghàidhlig

Duais 'son An t-Eilean ann am BarcelonaTùs an deilbh, BST Events, Spain
  • Air fhoillseachadh

Tha cathraiche MG ALBA ag ràdh gu bheil mar a thog am prògram An t-Eilean duaisean mòra telebhisean Eòrpach a' toirt togail agus misneachd dhan Ghàidhlig agus luchd-labhairt a' chànain.

Thuirt Iain Moireasdan gu bheil an soirbheachas seo a' sealltainn gun fhiach an t-airgead a chaidh a chosg air an An t-Eilean - is gun till MG ALBA dhan riaghaltas a-nise le argamaid 'son barrachd maoineachaidh.

Bha Mgr Moireasdan a' bruidhinn is An t-Eilean air dà dhuais a thogail aig duaisean TV Eòrpach Prix CIRCOM 2025 ann am Barcelona oidhche Dhiardaoin.

Bha fios mar-thà gun robh An t-Eilean air an duais airson an dràma a b' fheàrr a bhuannachadh.

Thàinig an tuilleadh deagh naidheachd aig deireadh na h-oidhche nuair a thog An t-Eilean a' phrìomh dhuais 'son a' phrògraim a b' fheàrr.

"Bha e dìreach mìorbhaileach," thuirt Mgr Moireasdan is e fhèin an làthair ann am Barcelona.

"Bha iad ag ràdh gur e prògram adhartach is àrd-amasach a bh' ann, is gun robh e cho math gun robh prògram mar seo a' tighinn, mar a thuirt iad fhèin, bho "chànan beag Eòrpach."

Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air X teachdaireachd le CIRCOM Regional

Cead do stuth X?

Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh X teachdaireachd le CIRCOM Regional

"Chan e aon duais ach dà dhuais is tha e do-chreidsinneach gur e prògram Gàidhlig am prògram telebhisean a b' fheàrr san Roinn Eòrpa agus e dìreach a' sealltainn gun urrainn dhan chànan a bhith beò air àrd-urlar na Roinn Eòrpa," thuirt e.

Suidhichte sna h-Eileanan an Iar, tha An t-Eilean ag innse sgeulachd mu mhurt boireannaich ann an caisteal a teaghlaich agus na thachras nuair a thig a ceathrar chloinne dhachaigh agus an athair fo amharas.

Le buidseat de chòrr air £4m uile gu lèir, 's e An t-Eilean an dràma Gàidhlig as cosgaile a bh' ann a-riamh.

'S e modail maoineachaidh ùr a bha air chùlaibh is am BBC is MG ALBA ag obair le companaidhean neo-eisimileach a chuir tòrr den airgead ris le dùil a reic gu h-eadar-nàiseanta.

Thàinig e am bàrr air a' mhìos seo chaidh gun do choimhead barrachd dhaoine an sreath na prògram Gàidhlig sam bith bho thòisich seanail BBC ALBA.

Duaisean

Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gu bheil na duaisean seo a-nise a' neartachadh na h-argamaid airson barrachd phrògraman coltach ris An t-Eilean a dhèanamh agus barrachd maoineachaidh.

"Tha sinn airson cumail a' dol le seo. Chan eil adhbhar sam bith a bhith a' ruighinn àrd-ìre mar seo gun a bhith a' fuireach aig an ìre sin.

"Tha dràma daor is tha prògraman telebhisein daor. Chaidh an t-airgead a tha sinn a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba a reòthadh airson deich bliadhna.

"Fhuair sinn togail am-bliadhna bho Cheit Fhoirbeis, Rùnaire na Gàidhlig agus na h-Eaconamaidh, agus tha ise a' faicinn na buannachd eacomanaich a tha a' tighinn bho phrògraman mar An t-Eilean.

"Bidh sinn a' tilleadh chun an dorais aicese a' coimhead airson barrachd airgid," thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

An t-Eilean "a' fosgladh dorsan dhan Ghàidhlig"

Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gu bheil dearbhadh ann gu bheil luach ann dhan sporran phoblach le buannachdan dha gnìomhachas an telebhisein, dhan Ghàidhlig, is dhan choimhearsnachd le obraichean gan cruthachadh is airgead ga chur air ais dhan eaconamaidh.

Rinn e moladh air bòrd MG ALBA 'son a dhol air adhart leis An t-Eilean nuair a bha deasbad ann mu chosgaisean.

"Tha sinn a' coimhead airson phrògraman a bheir buaidh air an luchd-amhairc againn fhèin aig an taigh ach cuideachd a bheir buaidh gu h-eadar-nàiseanta.

"Cha robh dad a dhùil againn gum faigheadh sinn duais airson a' phrògraim as fheàrr san Roinn Eòrpa ach tha sinn a-nise air sin a dhèanamh.

"Tha e a' dearbhadh gur e deagh chosg airgid a bha seo ach cuideachd an togail agus a' mhisneachd a tha a' toirt dhan Ghàidhlig agus a h-uile dùine a bha an lùib seo gu bheil iad nas fheàrr na duine sam bith san Roinn Eòrpa.

"'S e rud mìorbhaileach, do-chreidsinneach a tha sin," thuirt e.

An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBC ALBA