Comhairle na Gàidhealtachd ga càineadh
- Air fhoillseachadh
An Dr Mìcheal Foxley air Comhairle na Gàidhealtachd a chàineadh.
Tha fear a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd air an ùghdarras ionadail a chàineadh a thaobh bheachdan a nochd iad mun Ghàidhlig.
Thàinig Mìcheil Foxley air adhart às dèidh do litir a chur ceannard na comhairle, Mairead NicDhàibhidh, chun Bhall-Phàrlamaid Albannach Alasdair Allan, nochdadh gu poblach.
Bha Mìchael Foxley na chomhairliche fad còrr is fichead bliadhna, a thuilleadh air a bhith ùine os cionn an ùghdarrais ionadail.
A-rèir na litreach, tha an taic a tha foghlam Gàidhlig a' faighinn mì-chothromach, is cothrom aig clann na Gàidhlig air goireasan, uidheamachd is eile nach eil aig clann na Beurla.
Neo-ionnannachd
Tha an Dr Foxley ag ràdh gu bheil foghlam Gàidhlig nas saoire na foghlam Beurla, is gur i a' Ghàidhlig a tha a' fulang bho neo-ionnannachd sam bith a th' ann.
Thuirt e gum feum a' chomhairle coimhead air a' ghnothach às ùr.
Bha e ag ràdh gun do dhearbh sgrùdadh a rinn buidheann riaghlaidh an ùghdarrais eadar 2003-2007 gun robh foghlam Gàidhlig na bu shaoire na foghlam Beurla.
Foghlam Gàidhlig "nas saoire"
Bha e ag ràdh: "Dhearbh an obair gun robh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na bu shaoire na foghlam Beurla nuair a bha an t-aonad Gàidhlig stèidhichte.
"Tha grant a dhìth an toiseach, ach nuair a tha an t-aonad air a stèidheachadh, tha e nas saoire.
"Tha e nas saoire seach gu bheil goireasan taice a bharrachd ann airson foghlam Beurla - feumaidh fios a bhith aig daoine air an sin"
Spòrs
A bharrachd air diofar ann an goireasan do sgoilearan, thuirt Mairead NicDhàibhidh anns an litir gu bheil farpaisean spòrs do chloinn na Gàidhlig "a' brosnachadh neo-ionnanachd gach bliadhna".
Tha an Dr Foxley ag ràdh gu bheil neo-ionnanachd ann, ach gu call na Gàidhlig.
Thuirt e gur e gòraich a th' ann a bhith ag ràdh a' chaochladh agus nach eil an spèis a bu chòir ga shealltainn dhan chànan.
Leasachadh
Thuirt e gun do rinn Comhairle na Gàidhealtachd obair mhòr gus foghlam na Gàidhlig a leasachadh, gu dearbh gun robh iad air ceann na h-iomairt sin gu nàiseanta.
Tha na chunnaic e an t-seachdain sa na cheum air ais, tha e ag ràdh, is tha an t-àm aig a' chomhairle am plana cànain aca fhèin a chur an-sàs le foghlam Gàidhlig a leasachadh.
Thuirt e: "Feumaidh sinn tuilleadh aonadan Gàidhlig, sgoiltean-àraich Gàidhlig agus sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh air feadh na Gàidhealtachd."
"Dùbhlanach dha-rìribh"
Thuirt Mairead NicDhàibhidh na litir gum biodh e "dùbhlanach dha-rìribh" dhan chomhairle sgoiltean Gàidhlig a-mhàin a thogail san àm ri teachd, agus dhearbh Ceannard a' Bhuidseit, Alasdair MacFhionghain, air Aithris na Maidne Diardaoin, nach eil dùil aca aig an ìre sa an tuilleadh sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh.
Tha Mìcheal Foxley ag iarraidh orra smaoineachadh air a' ghnothach a-rithist is e ag ràdh gur i a' Ghàidhlig cànan dùthchasach na Gàidhealtachd.