Àrd-oifigear a' Chomuinn a' leigeil dheth a dhreuchd

  • Air fhoillseachadh
Iain Moireasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Leigidh Iain Moireasdan dheth a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt

Leigidh Iain Moireasdan dheth a dhreuchd mar Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich aig deireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna.

Tha e air a bhith anns an dreuchd sin bho 2008.

Thuirt e gun robh e air a bhith na urram dha a bhith a' cur ri foillseachadh agus cor na Gàidhlig tron Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus lìonradh de mhòdan ionadail thar nam bliadhnaichean.

Leanaidh an obair, thuirt e, airson maoineachadh seasmhach fhaighinn dhan a' Mhòd.

"Chan eil sinn fhathast air taic maoineachaidh phoblach tèarainte a ghlèidheadh dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail.. agus bidh an dùbhlan sin a' leantainn fo stiùir Cheannaird ùir. Cumaidh mise a h-uile taic as urrainn dhomh ris an neach sin."

Saothar

Chaidh moladh a dhèanamh air obair Iain Mhoireasdain le Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Ailean Caimbeul.

Thuirt e gun robh e a' fàgail chùisean ann am fìor dheagh òrdugh dhan cheannard ùr.

Tha dreuchd a' cheannaird a-nis ga sanasachd.