Luaidh ga dhèanamh air Iain Moireasdan

- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air Iain Moireasdan a bha grunn bhliadhnaichean na àrd-oifigear air a' Chomunn Ghàidhealach.
'S ann à Nis a bha Mgr Moireasdan bho thùs ach bha e mòran bhliadhnaichean a' fuireach ann an Dùn Dè.
Bha e ùine ag obair aig VisitScotland sa bhaile is thòisich e mar àrd-oifigear aig a' Chomunn Ghàidhealach ann an 2008.
Bha e anns an obair sin gu 2020 nuair a leig e dheth a dhreuchd, is a' bhuidheann a' dèanamh moladh mòr air aig an àm airson mar a chuir e ri obair a' Chomuinn thar nam bliadhnaichean.
Thuirt àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, gun robh Iain na "thosgaire airson na Gàidhlig agus a cultar agus gum bi ionndrainn mòr air".
Thuirt e: "Neartaich e a' bhuidheann bho thaobh ionmhais agus gnothaichean riaghlaidh na buidhne san fharsaingeachd agus b' e duine air leth comasach a bh' ann.
"Chòrd e rium fhèin a bhith ag obair còmhla ris agus mi nam mhanaidsear airson beagan den ùine sin agus gu dearbh dh'ionnsaich mi tòrr bhuaithe."
Bha ùidh mhòr aig Mgr Moireasdan cuideachd ann am ball-coise is e tric a' nochdadh air BBC Radio nan Gàidheal gus bruidhinn air sgioba Dhùn Dè.
Chaochail Mgr Moireasdan às dèidh dha a bhith tinn 'son treis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An t-Samhain 2019