Anndra Yearley ann an Talla Ghaisgeach a' Chiuil Thraidiseanta

- Air fhoillseachadh
Tha fear à Leòdhas a' faighinn aithne airson obair ann an saoghal a' chiuil thraidiseanta - gu sònraichte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar.
Tha Anndra Yearley am measg chòignear a tha air an ainmeachadh ann an Talla Ghaisgeach a' Chiuil Thraidiseanta aig Hands Up for Trad airson an cuid seirbheisean dhan choimhearsnachd.
Thèid an cur dhan Talla Ghaisgeach gu h-oifigeil aig cuirm Na Trads nas fhaide air a' bhliadhna.
Tha Hands Up for Trad, a tha air cùl nan duaisean, ag ràdh gu bheil an còignear an sàs san obair riatanach a tha a' dol air adhart am measg an t-sluaigh airson ceòl traidiseanta a chumail a' dol agus a bhrosnachadh.
Rugadh Anndra Yearley ann an Saigon ann an 1972 agus chaidh a thoirt a-mach às an dùthaich aig àm Cogadh Vietnam.
Chaidh uchd-mhacachd le Iain agus Eileen Yearley a ghluais a Leòdhas mun aon àm. Thogadh ann an Ceòs e.
Bha an dachaigh làn ionnsramaidean de dhiofar sheòrsa agus nuair a bha e seachd bliadhna a dh'aois thòisich athair ga thoirt gu cèilidhean, clubaichean bogsa-ciùil is fìdhle agus seiseanan ciùil thraidiseanta ann an Leòdhas, na Hearadh agus Uibhist far an d' fhuair e eòlas farsaing air puirt agus òrain Ghàidhlig.
Anndra Yearley agus Jane Hepburn Nic a' Mhaolain a' cumail taic ri Willie Caimbeul air Alleluia air BBC ALBA
Thòisich e a' faighinn teagasg foirmeil ann an ceòl nuair a bha e mu ochd bliadhna de dh'aois le tidsear à Drinisiadar sna Hearadh.
Ghluais e a Dhùn Èideann nuair a bha e 13 bliadhna de dh'aois airson a dhol tro sgeama ciùil Àrd-Sgoil Broughton.
Ged a 's e cùrsa clasaigeach a rinn e ann an sin bhiodh e a' gabhail a h-uile cothrom a dhol an sàs ann an ceòl traidiseanta, 's e na bhall de chòmhlan dannsa Albannach.
Aig aois 18 bliadhna chaidh e gu Acadamaidh Rìoghail a' Chiùil ann an Lunnainn airson piàno clasaigeach agus jazz a dhèanamh ach bhiodh e fhathast ri ceòl traidiseanta nuair a bhiodh an cothrom aige.

An dèidh dha dà bhliadhna a chur seachad ann an Glaschu thill e a Leòdhas agus chaidh e gu mòr an sàs sna bha a' dol a thaobh ciùil sa sgìre.
Fhuair e cosnadh a' teagasg ciùil ann an sgoiltean agus ag obair aig grunn fhèisean leithid Fèis Bharraigh, Thaigh Dhonnchaidh, Tìr an Eòrna, Eilean na Hearadh, Eilean an Fhraoich agus an Rubha.
Cuide ri Gavin Woods chuidich e ann a bhith a' ruith Còmhlan Mòr Stèornabhaigh agus chaidh e an luib còmhlan jazz nas lugha còmhla ri Richard Michael agus Rick Taylor.
Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact ealain agus sgoile leithid Dìleab agus Cuimhneachain na h-Iolaire, teagasg prìobhaideach agus air a bhith a' toirt taic do luchd-ciùil eile air prògraman air Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA.
Agus 's caomh leis fhathast a bhith a' cluich ann an còmhlan cèilidh aig bainnsean 's a leithid.
Còmhla ri Anndra tha an luchd-ciùil Ceit Howard, Calum Mac'Illiosa, an Dr Pòl Moireach agus Sharon Hassan cuideachd air an ainmeachadh ann an Talla Ghaisgeach a' Chiuil Thraidiseanta agus mòladh mòr ga dhèanamh orrasan cuideachd 'son an obair a rinn iad ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta.