"Srùb don Riaghaltas a th' ann am Bòrd na Gàidhlig"

- Air fhoillseachadh
Tha an t-Oll Dòmhnall Meek ag ràdh nach do thog Bòrd na Gàidhlig inbhe a' chànain mar bu chòir is nach eil a' bhuidheann air bruidhinn às leth nan Gàidheal mar a bha e a' miannachadh bho thùs.
Tha an t-Oll Meek air a bhith a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan is 20 bliadhna ann bho chaidh Achd na Gàidhlig tro Phàrlamaid na h-Alba.
Aig an dearbh àm, thèid Bile nan Cànanan Albannach a dheasbad aig an treas ìre an ath-sheachdain.
Thuirt an t-Oll Meek gu bheil e a' cur iongnadh mòr air gun tug e 20 bliadhna bile ùr a thoirt air adhart gus an reachdas a bh' ann a neartachadh.
Bha e fhèin na chathraiche air MAGOG, a' bhuidheann choimhearlachaidh a dhealbhaich bile Gàidhlig anns a' chiad dol a-mach.
Chaidh Bòrd Gàidhlig na h-Alba a stèidheachadh ann an 2003 mar thoradh air molaidhean na buidhne, mus deach Bòrd na Gàidhlig mar a tha e an-diugh gu bith fo Achd 2005.
20 bliadhna bho chaidh an t-achd tro Holyrood, tha an t-Oll Meek ag ràdh nach eil am Bòrd air obrachadh mar a bha e a' sùileachadh is mar a bha ag iarraidh.
"Nuair a bha mise a' dealbhachadh Bòrd na Gàidhlig nam inntinn fhèin, 's e an dùil a bh' agam gum bitheamaid a' lasadh lòchran mòr dealrach às leth na Gàidhlig, a bhiodh a' togail inbhe na Gàidhlig gu làidir agus a bhiodh a' bruidhinn às leth nan Gàidheal.
"'S ann do na Gàidheil a bha Bòrd na Gàidhlig anns a' bhruadar a bh' agamsa, anns an dealbh a bha nam inntinn.
"Ach 's e thachair gun deachaidh an Riaghaltas fhèin an sàs ann, is theirinn-sa gur e srùb don Riaghaltas a th' ann am Bòrd na Gàidhlig a tha a' toirt an Riaghaltais agus riaghailtean an Riaghaltais gu na Gàidheil"
"A' bualadh air dorsan an Riaghaltais"
"'S e bha mise ag iarraidh gum biodh Bòrd na Gàidhlig na mheadhan air iarrtasan nan Gàidheal a thoirt chun an Riaghaltais is gum biodh iad a' bualadh air dorsan an Riaghaltais gus am faigheadh iad na bha iad ag iarraidh.
"'S ann an rathad eile, gu ìre, a tha e ag obair".
Chan eil obair Bhòrd na Gàidhlig air a bhith gun chonnspaid thairis air na bliadhnaichean.
Ann an 2009 chaidh sgioba eadar-amail a chur os cionn a' Bhùird fhad 's a bha crathadh ga thoirt air structar na buidhne.
Nochd ceistean mòra ann an 2019 is càineadh làidir ann an aithisg, taobh a-muigh bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba.
Chaidh togail am measg eile air laigsean bunaiteach ann an ceannas, dìth shoilleireachd a thaobh cho-dhùnaidhean, is càirdeasan truagh taobh a-staigh na buidhne.
Thàinig an tuilleadh càinidh às dèidh sin bho Chomataidh Sgrùdaidh Pàrlamaid na h-Alba.
Fhuair aithisg ùr ann an 2021 gun robh am Bòrd air dèiligeadh ris na laigsean a bh' ann.
"Nuair a bha mise a' dealbhachadh Bòrd na Gàidhlig nam inntinn fhèin, 's e an dùil a bh' agam gum bitheamaid a' lasadh lochran mòr dealrach às leth na Gàidhlig"
Tha an t-Oll. Meek ag ràdh gun robh trioblaidean a bhuail air a' Bhòrd na "bristeadh-cridhe" dha.
"Bha àm gu math stoirmeil aig Bòrd na Gàidhlig is luchd-stiùiridh a' falbh is a' tighinn, bha àimhreit a' dol is bha e anns na pàipearan airson droch adhbharan.
"Air uaireannan cha robh sin furasta dhomhsa, 's e bristeadh-cridhe a bh' ann, o chionn 's gun robh dealbh 's dòcha ro àrd, ro dhòchasach agamsa air mar a bhiodh Bòrd na Gaidhlig ag obair".
"Tha e uabhasach duilich dhomh uaireannan a bhith a' toirt sùil air.
"Uaireannan bidh mi ag ràdh rium fhèin, 's e do choire fhèin a th' ann".
Thuirt an t-Oll Meek gum biodh e aig amannan fiù 's ga cheasnachadh fhèin an robh còir aige a bhith air a dhol an sàs agus stiùir a' Bhùird a ghabhail aig an toiseach is a chur air bun-stèidh.

Ach a dh'aindeoin nan draghan a thog e, tha an t-Oll Meek ag ràdh gu bheil Bòrd na Gàidhlig air feum a dhèanamh thar nam bliadhnaichean.
"Ge brith dè na rudan a chaidh ceàrr le Bòrd na Gàidhlig, rinn am Bòrd rudan matha, matha cuideachd.
"Nuair a thill mise gu Oilthigh Dhùn Èideann is thòisich mi obair rannsachaidh is pròiseactan ùra a thoirt gu buil, bha am Bòrd na mheadhan prìseil air maoineachadh is airgead a thoirt dha na pròiseactan agamsa is aig iomadh neach eile air feadh Alba.
"Mar sin tha mise a' smaoineachadh gun do rinn an t-achd agus am Bòrd feum da-rìribh ach gun robh laigseachan annta aig an aon àm".
Dh'iarr am BBC beachd bho Bhòrd na Gàidhlig is thuirt iad nach bi iad a' toirt seachad freagairt aig an ìre seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Dùbhlachd 2019
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2021
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024