Dòchas gun lùghdaich camarathan bodhaige na tha de ionnsaighean air poilis

Camara air deise poilis
  • Air fhoillseachadh

Thòisich na poilis camarathan a chosg air an cuid èididhean ann an Roinn na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an sgìre as motha far a bheil ionnsaighean gan toirt air oifigearan an Alba.

Thuirt Poileas Alba gun deach 363 ionnsaigh a chlàradh sa cheann a tuath an 2024-2025

Bidh an uidheamachd aig mu 400 oifigearan air feadh na sgìre, a tha a' toirt a-steach a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn.

Thuirt comanndair roinneil na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Àrd Superintendent Robert Shepherd, gun toireadh an teicneòlas ùr dìon don phoball agus oifigearan poilis, gu h-àraid an fheadhainn a tha ag obair an sgìrean iomallach.

Dh'innis e do Naidheachdan BBC Scotland: "Dh'fhaodadh gur iad an aon oifigear ann airson dhà no trì uairean a thìde.

"'S dòcha gum bi leisg orra daoine a chur an grèim agus gum fàg sin gum bi daoine a' faireachdainn nas dàna gus a bhith a' brodadh an oifigeir."

Thuirt e: "Bidh a' chuid as motha de dhaoine nas mì-dheònaiche ionnsaigh a thoirt air oifigear neo droch bheul a thoirt dhaibh ma tha fios aca gu bheilear gan clàradh."

Thòisich na camarathan a bhith air an cleachdadh an Alba sa Mhàrt. 'S iad oifigearan ann an Taobh Tatha a' chiad fheadhainn a fhuair iad.

Tha na camarathan air a bhith mar phàirt de dh'uidheamachd feachdan poilis eile san Rìoghachd Aonaichte airson grunn bhliadhnaichean.