Home Farm fhathast le HC-One

  • Air fhoillseachadh
Home FarmTùs an deilbh, Home Farm

Cho-dhùin Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis dachaigh-cùraim Home Farm am Port Rìgh fhàgail aig a' chompanaidh HC-One aig an ìre seo.

Tha seo an dèidh tagradh bho Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim airson cead a thoirt bhuapa a bhith ga ruith tuilleadh is iad air duilgheadasan mòra a lorg leis an ìre de chùraim a bha ga thoirt seachad innte.

Chuala a' chùirt gu bheil com-pàirteachas de dhiofar bhuidhnean - NHS na Gàidhealtachd agus HC-One nam measg - air obrachadh còmhla bhon t-seachdain seo chaidh agus gu bheil leasachadh mòr air thighinn air mar a tha cùram ga thoirt seachad; ged a tha laigsean ann fhathast.

Thuirt Roddy Dunlop QC, a' riochdachadh Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim, gu bheil cùisean air tighinn air adhart gu mòr, ach gum biodh e cearr a ràdh gun deach dèiligeadh ri gach dragh a bh' ann.

Buaidh

Thuirt e gu bheil iad a' sireadh fuasglaidh far am faigh an luchd-còmhaidh an cùram as fhèarr a th' ann le cho beag de bhuaidh orra 's a gabhas - seach mar a thuirt e fhèin "an roghainn niuclasach" - cead an dachaigh a ruith a thoirt bho HC-One.

Ghabh an Siorram Eilidh Dhòmhnallach ris a' mholadh Home Farm fhàgail le HC-One aig an ìre seo, ach gum biodh èisteachd eile ann air an 10mh là den àth-mhìos is Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gu bhith a' tadhal air an dachaigh-chùraim gach seachdain chun uairsin.

Thuirt i gu bheil feum aig a' choimhearsnachd air fuasgladh pragtaigeach dhan t-suidheachadh a th' ann.

Chaochail deichnear luchd-còmhnaidh aig Home Farm is Covid-19 orra.

Sùil

Dh'innis Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil gach taobh air aontachadh leatainn orra mar a tha iad 'son trì seachdainean.

Dh'innis iad gu bheil iad a' cumail sùil gheur air Home Farm is gum bi iad a' tadhal tric gus dèanamh cinnteach gu bheil adhartas ga dhèanamh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad mothachail air co-dhùnadh na cùirt is gu bheil ùine ga toirt do HC-One ìre a' chùraim a leasachadh chun na h-ìre a tha Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim is am bòrd-slàinte a' sùileachadh.

Thuirt iad gur e am prìomh amas aca an cùram as fheàrr a th' ann fhaighinn dhan luchd-còmhnaidh, is gun lean iad orra ann an com-pàirteachas aig Home Farm.

Chuir HC-One fàilte air a' cho-dhùnadh is gu bheilear ag aithneachadh gun deach adhartas a dhèanamh aig Home Farm.

Thuirt iad gu bheil iad air leth toilichte cothrom fhaighinn leantainn orra le leasachaidhean, is gu bheil iad 'son obrachadh gu dlùth ri NHS na Gàidhealtachd gus an cùram as fheàrr a th' ann a thoirt seachad.