Cothroman aig Cothrom còmhradh sa Ghàidhlig a thoirt air adhart
- Air fhoillseachadh
Tha ochd mìosan on chaidh neach-obrach fhastadh aig Ionad Ionnsachaidh Cothrom an Uibhist a Deas airson fileantas luchd-labhairt na Gàidhlig a leasachadh.
Tha Seasaidh NicDhòmhnaill, Oifigear Leasachaidh Còmhraidh na Gàidhlig, air a bhith ag innse mu mar a tha an obair a' dol dhi a' misneachadh dhaoine air feadh na dùthcha aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne.
"Tha oileanaich agam à diofar àitean; feadhainn a tha air an dreuchdan a leigeil seachad, co-obraichean, pàrantan agus oileanaich bho Shabhal Mòr Ostaig a tha airson barrachd chothroman fhaighinn Gàidhlig a bhruidhinn," mhìnich i.
"'S e am buidheann as motha ris a bheil mi ag obair an-dràsta Preantasan Foghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar a bhios ag obair ri òigridh air feadh nan Eilean Siar.
"'S e mo phrìomh amas sealltainn cho cudromach 's a tha e a bhith a' bruidhinn sa Ghàidhlig, cuide leis a' ghramair is na riaghailtean.
"Tha a h-uile duine cho eadar-dhealaichte agus tha e air a bhith na shlighe inntinneach dhomh a bhith a' faicinn mar a tha a h-uile duine ag ionnsachadh."
Tha Muriel NicCoinnich, tidsear Creidimh agus Moraltachd ann an Àrd-sgoil MhicNeacail, am measg nan oileanach aig Seasaidh.
"Tha mi gu mòr a' coimhead air adhart ri clasaichean Seasaidh gach seachdain.
"Chaidh mo thogail ann an dachaigh far an robh Gàidhlig ri cluinntinn agus air a cleachdadh, agus tha an dòigh teagaisg seo a' còrdadh rium oir tha mi a' faireachdainn cofhurtail còmhradh a dhèanamh sa Ghàidhlig.
"Mar thà tha mi a' faicinn eadar-dhealachadh nam theagasg agus tha mi air leth taingeil gun robh cothrom agam na clasaichean seo a dhèanamh."
Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu na cothroman ionnsachaidh a tha Seasaidh a' tabhann cuiribh fios gu enquiries@cothrom.net, taobh a-muigh