£2m not a dhìth air CnES airson am buidseat a chothromachadh
- Air fhoillseachadh
Feumaidh Comhairle nan Eilean Siar sàbhalaidhean de £2m not a lorg airson buidseat na h-ath-bhliadhna a chothromachadh.
Sin a dh'aindeoin airgead a bharrachd do dh'ùghdarrasan ionadail ann am buidseat Riaghaltas na h-Alba.
Chàin a' chomhairle an riaghaltas air sgàth 's nach deach maoineachadh a dhearbhadh airson Campus Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh.
Tha iad cuideachd diombach nach deach taic a bharrachd a thoirt seachad airson seirbheisean-adhair eadar na h-eileanan a lìbhrigeadh.
A rèir Ceannard na Comhairle, Pòl Steele, ged a bha maoineachadh a bharrachd ann am buidseat na h-Alba do chomhairlean, chan eil fhathast gu leòr ann airson seirbhisean poblach sna h-eileanan a thoirt seachad aig an ìre sa bheil iad an-dràsta.
Thuirt e cuideachd gun tig àrdachadh air a' chìs-chomhairle airson na sàbhalaidhean a chumail aig £2m not.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil £4m not a bharrachd sa bhuidseat do dh' ùghdarrasan ionadail eileanach agus gun tèid £5.3m not a chosg air bun-structar.
Gheall iad cuideachd gu bheil iad an dùil na pàirtean sgoile den Champus Coimhearsnachd am Bàgh a' Chaisteil a mhaoineachadh.