Seann mhathan bàn a' faighinn cùraim agus i air fàs lapach na seann aois
- Air fhoillseachadh
Tha mathan bàn aig an robh a' chiad chuilean a rugadh san Rìoghachd Aonaichte ann an 25 bliadhna a' faighinn cùraim air sgàth a h-aoise, a rèir an luchd-glèidhidh aice.
Rug Victoria, 28, an cuilean fireann aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd, faisg air an Aghaidh Mhoir, san Fhaoilleach 2018. 'S e Hamish a thug iad iad air an dèidh bhòt air grunn ainmean a bhathas a' moladh.
Thuirt Comann Ainmh-eòlach na h-Alba (RZSS) gun do mhothaich an luchd-glèidhidh aca gun robh e a' sìor fhàs duilich dhi a chumail an-àirde leis a' chuilean ùr aice, Brodie, a rugadh san Dùbhlachd 2021.
Thuirt iad gun deach cungaidhean-leighis a thoirt dhi airson agus gum faigheadh i faochadh bho chràdh na h-altan.
Faodaidh mathain bhàna a bhith beò gus am bi iad seachad air 30 bliadhna de dh'aois, ach air a' bhlàr a-muigh tha iad eadar 15 agus 18 bliadhna de dh'aois sa chumantas nuair a gheibh iad bàs.
Rugadh Victoria ann an 1996 ann an Sù Rostock sa Ghearmailt agus mus do rugadh Hamish bha cuilean air a bhith aice ann an Sù Aalborg san Danmhairg ann an 2008.
Ràinig i Pàic Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd sa Mhàrt 2015.
'S i as sine de na ceithir mathain a tha sa phàirc; 's iad an fheadhainn eile an cuilean aice, Brodie, agus dithis mhathan inbhidh fireann, Arktos agus Walker.
Thuirt an RZSS: "Chunnaic an luchd-glèidhidh againn gun robh i a' strì gus cumail suas le Brodie, agus nach robh i a' seasamh air a casan-deiridh tuilleadh.
"Chaidh iarraidh air na bheataichean sùil a thoirt oirre feuch an gabh càil dèanamh dhi. Bha e soilleir bhon dòigh sa robh i a' gluasad gun robh na h-altan aice goirt, agus tha e coltach gur e as coireach an t-siatag a chithear gu math tric ann am beathaichean nas aosta."
Thuirt iad: "Nuair a dh'fhàsas ainmhidhean sean, tha iad gu math dualtach tinneas a thig leis an aois a bhith orra, mar an t-siatag, trioblaidean cridhe is fiacla, agus call fradhairc agus claisneachd.
"Fo chùram seann-aoise bidh iad a' faighinn mheasaidhean slàinte gu cunbhalach airson na duilgheadasan sin aithneachadh gus am faigh iad an cùram as fheàrr a ghabhas, agus airson tinneasan a sheachnadh."