Rùintean na Nollaige agus na Bliadhn' Ùire
- Air fhoillseachadh
Tha an Nollaig ann, àm far an tig càirdean agus caraidean cruinn còmhla.
'S e cleachdadh a th' ann tiodhlaicean a thoirt do chàch a chèile, agus cothrom coimhead air ais air a' bhliadhna agus a bhith a' guidhe air luchd-dàimh gach beannachd airson na Bliadhn' Ùire.
Dh'iarr BBC Naidheachdan air cuid de na daoine a chluinnear agus a chithear gu math tric air ar prògraman an dùrachdan airson na Nollaige agus 2025 a chur thugainn.
Tha Alison Lang na h-ùghdar agus na Stiùiriche air Comhairle nan Leabhraichean Gàidhlig agus chan eil an fhreagairt aicese na adhbhar iongnaidh sam bith!
"Gum bi tòrr dhaoine a' leughadh leabhraichean Gàidhlig aig àm na Nollaige agus sa Bhliadhn' Ùir agus a' gabhail tlachd ann an litreachas na Gàidhlig."
Tha John Joe MacNèill à Barraigh an-diugh ag obair an Uibhist a Deas mar Cheannard na buidhne ealain Ceòlas.
Bidh e tric a' cur an cèill a chreidimh phearsanta air Smuain na Maidne air BBC Rèidio nan Gàidheal.
Chan ann dha fhèin a tha e ag iarraidh preusant bho Bhodach na Nollaige am-bliadhna ach "sìth agus sonas air feadh an t-saoghail gu lèir".
Tha Agnes Rennie na Cathraiche air Urras Ghabhsainn, uachdaran poblach ann an ceann a tuath Leòdhais.
Thuirt ise gun do chuir i roimhpe na leanas a ràdh a h-uile cothrom a gheibh i.
"Tha mi ag iarraidh gum faigh sinn 'gangway' ùr agus freagarrach a leigeas dha luchd-siubhail coiseachd sàbhailte air bòrd a' bhàta-aiseig à Steòrnabhagh.
"Saoilidh mi nach eil sin mì-reusanta san là sa bheil sinn beò!"
Mar Chathraiche Seirbheis Chomhairleachaidh a' Phobaill sna h-Eileanan an Iar tha Murchadh MacIlleathain eòlach air a' bhochdainn agus a' chruaidh-chàs sa bheil gu leòr.
'S beag an t-iongnadh mar sin gur e gum bi cùisean socair rèidh do dhaoine agus do chloinn gu sònraichte a bu mhiann leis.
"Tha mi airson agus gum bi rudeigin aig a h-uile pàiste sna coimhearsnachdan againn aig àm na Nollaige, agus gum bi Nollaig shona agus fìor mhath aca ge b' i dè an suidheachadh sa bheil iad."