Leasanan dhan t-Seann Dùthaich bho luchd-labhairt ùra Alba Nuaidh?

Acarsaid Mhàbu
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gu bheil leasanan ann do dh'Alba a thaobh luchd-labhairt ùra na Gàidhlig às na tha a' tachairt ann an Alba Nuadh.

Tha sin a rèir leabhair ùir a tha a' coimhead ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba is Alba Nuadh is dè ghabhas ionnsachadh bho na suidheachdaidhean eadar-dhealaichte.

A rèir an Dr Stiùbhart Dunmore, taobh a-muigh tha eadar-dhealachaidhean gu leòr ann.

'S e an Dr Dunmore a tha air New Gaelic Speakers in Nova Scotia and Scotland, Heritage, Motivation and Identity a sgrìobhadh is an leabhar gu bhith air fhoillseachadh a dh'aithghearr.

Bha an rannsachadh stèidhichte air agallamhan a rinn an Dr Dunmore le 30 duine ann an Alba Nuadh is 30 ann an Alba fhèin.

Bha e airson faighinn a-mach cò a th' anns an luchd-labhairt ùra seo, dè na slighean ionnsachaidh a ghabh iad, agus dè na h-adhbharan a bh' aca airson Gàidhlig ionnsachadh sa chiad dol a-mach.

Fo-thiotal an deilbh,

Dr Stiùbhart Dunmore

Tha an Dr Dunmore a' togail gu sònraichte air fèin-aithne dhaoine is mar a tha seo gu h-àraidh cudromach do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba Nuadh.

Thuirt e gu bheil cuideam ga chur air fèin-aithne mar Ghàidheil agus air dualchas ann an Alba Nuadh, far a bheil ceòl is cultar nan Gàidheal gu math làidir ged a thàinig crìonadh mòr air suidheachadh a' chànain fhèin tron 20mh Linn.

Bha an fhèin-aithne sin mar Ghàidheil is an cànan aca fhèin a thogail às ùr glè chudromach do luchd-labhairt ùra na Gàidhlig ann an Alba Nuadh, tha e ag ràdh.

Tha e a' cumail a-mach gu bheil an suidheachadh gu math eadar-dhealaichte a thaobh mar a tha luchd-labhairt ùra ann an Alba a' beachdachadh air fèin-aithne. Tha e mòran nas coltaiche, a rèir an rannsachaidh, gum bi luchd-labhairt ùra ann an Alba ag ràdh nach e Gàidheil a th' annta.

"Goid"

"Bha cuid (ann an Alba) a' faireachdainn gun robh e ann an dòigh mì-iomchaidh a bhith a' cantainn gur e Gàidheil a bh' annta," tha an Dr Dunmore ag ràdh.

"Cha robh cuid ag iarraidh an fhèin-aithne sin a ghoid bho luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil an cànan bhon ghlùin.

"Agus bha cuid eile a' faireachdainn nach robh na labels sin cho iomchaidh san fharsaingeachd, agus cha robh iad a' faireachdainn gur ann leotha fhèin a bha an taghadh a bhith a' cantainn gur e Gàidheil no nach e Gàidheil a bh' annta."

Tha an rannsachadh cuideachd a' coimhead ri diofar a thaobh dual-chainntean ann an slighean luchd-labhairt ùra.

Fhuair rannsachadh an Dr Dunmore nach robh dual-chainntean sònraichte cho cudromach airson a' mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh ann an Alba.

Thuirt e ged a bha ùidh aig cuid aca ann an dual-chainntean, nach do chuir a' mhòr-chuid romhpa fhèin dual-chainnt shònraichte ionnsachadh.

Bha dragh orra is dòcha nach biodh iad cho soilleir nan cuid Gàidhlig nan robh iad a' feuchainn ri sin a dhèanamh, nach biodh iad nàdarrach - agus coltach ris na beachdan mu fhèin-aithne, gur e rud nach buin dhaibh a th' ann an dual-chainnt shònraichte.

Ath-bheòthachadh

'S ann a tha gnothaichean eadar-dhealaiche ann an Alba Nuadh, tha an Dr Dunmore ag ràdh, agus luchd-labhairt ùra a' cur romhpa dual-chainntean Gàidhlig às an àite a thogail nuair a tha iad ag ionnsachadh a' chànain.

Tha iomairtean ath-bheòthachaidh ann an Alba Nuadh air a bhith gu mòr stèidhichte air seo le luchd-ionnsachaidh a' cur ùine seachad le luchd-labhairt nas sine aig an robh Gàidhlig bhon ghlùin - iomairt air a bheil Bun is Bàrr - is cùrsaichean eile air an togail timcheall air dual-chainntean a tha fhathast beò san sgìre.

'S an t-amas am bogadh ann an cultar nan Gàidheal ann an Alba Nuadh, a thuilleadh air cànan a thogail.

Bha seo a' dearbhadh a-rithist, tha an Dr Dunmore ag ràdh, cho cudromach is a tha dualchas cànain na sgìre aca fhèin do luchd-labhairt ùra ann an Alba Nuadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Calum MacLeòid a' bruidhinn ri Sionainn Nic'IlleMhaoil bho Oifis Iomairtean na Gàidhlig ann an Alba Nuadh, a chaidh i fhìn tro sgeama Bun is Bàrr

Tha e ag ràdh gur dòcha gu bheil leasanan an seo dh'Alba is e a' togail air ceanglaichean nas fheàrr a stèidheachadh eadar coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta agus luchd-labhairt ùra a' chànain.

Thog e air Bun is Bàrr fhèin is sgeama ceangailte ris do dh'òigridh ann an Alba Nuadh air a bheil na Gaisgich Òga, agus an dà sgeama a' faighinn airgid riaghaltais.

Thuirt an Dr Dunmore nach eil an leithid ann an Alba agus gum faodadh na tha a' tachairt ann an Alba Nuadh a bhith mar mhodail a thaobh ceanglaichean nas làidire a dhèanamh eadar luchd-labhairt dùthchasach agus luchd-labhairt ura.

"Tha maoineachadh a' dol airson an t-amas sin a ruigsinn ann an Alba Nuadh," thuirt e

"Tha mi a' smaoineachadh gun gabh an suidheachadh a leasachadh an seo ann an Alba a thaobh nan dàimhean agus nan ceangalaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig bhon ghlùin agus luchd-labhairt na Gàidhlig ùra, agus barrachd a dhèanamh airson conaltradh a bhrosnachadh eadar na coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta agus lìonraidhean de luchd-labhairt ùra anns na bailtean mòra," thuirt e.

Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd bho Bhòrd na Gàidhlig is thuirt iad gum feum iad an leabhar a leughadh an toiseach.