Fàs aig Sgoil Ghàidhlig Cheap Breatainn

Seonag BuxtonTùs an deilbh, Taigh Sgoile na Drochaide
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Seonag Buxton à Ullapul an tidsear ùr ann am Màbu

  • Air fhoillseachadh

Tha fàs air tighinn air a' bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Canada le tidsear eile air fastadh is dàrna seòmar-clas ga chur gu feum, is cròileagan ùr gus tòiseachadh a dh'aithghearr.

Dh'fhosgail Taigh Sgoile na Drochaide ann am Màbu ann an Eilean Cheap Breatainn ann an 2021, a' chiad sgoil FtMG taobh a-muigh na h-Alba.

'S e sgoil neo-eisimeileach a th' innte le curraicealam dhaibh fhèin is i an eisimeil air taic-airgid.

Bha naoidhnear sgoilearan ann nuair a dh'fhosgail an sgoil is iad uile stèidhichte ann an togalach ann am Màbu ri taobh Beinn Mhàbu - an campas a th' aig Colaiste na Gàidhlig ann am Màbu.

Ach le àireamhan air èirigh gu aon deug is na sgoilearan fhèin a' fàs nas sine tha a-nise dà chlas ann.

Tha dàrna seòmar gu chùr gu feum ann am Beinn Mhàbu fhèin - dìreach mu choinneimh togalach na sgoile.

'S i Seonag Buxton à Ullapul an tidsear ùr is i air tòiseachadh ann am Màbu bho chionn beagan sheachdainean is fàilte mhòr oirre.

"Tha i air tighinn a-nall às an t-Seann Dùthaich is tha i ag obair aig ìre bhunaiteach - grade primary - agus a' chiad ìre," thuirt Coinneach MacCoinnich, a tha na chathraiche air bòrd na sgoile.

'S ann às an tidsear ùr cuideachd a thàinig am beachd cròileagan a chur gu dol ann am Màbu a-rithist.

"Bha tòrr a bharrachd chròileagan is rudan againn ro àm Chovid ach dh'atharraich tòrr rudan an uairsin agus cuideachd thòisich sinn an sgoil," tha Coinneach a' mìneachadh.

"Aig an ìre seo tha cùisean nas cunbhalaiche na bha iad, tha dithis thidsearan againn is tha barrachd ùine, barrachd ghoireasan is barrachd taice againn gus rudan eile a dhèanamh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Cuirm Nollaige Thaigh Sgoile na Drochaide

"Tha sinn gu math toilichte is bidh sinn a' toirt feadhainn òga sa Bhliadhna Ùir trup san t-seachdain a-staigh dhan chlas nas ìsle."

Tha Coinneach ag aideachadh gu bheil dùbhlain an cois sgoil neo-eisimeileach a chumail a' dol, is gu dearbh gur e rud mòr a th' ann dhaibh gu bheil iad fhathast a' dol is air togail air na bunaitean a stèidhich iad ann an 2021.

'S e airgead a thogail an dùbhlan as motha, tha e ag ràdh, is iad ag obair air diofar shruthan maoineachaidh.

Nam measg a-nise tha taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba Nuaidh, rud nach robh ann an toiseach, is an sgoil an dòchas gun lean sin.

Ach tha iad gu math mothachail cuideachd gu bheil feum air sruth leantainneach de sgoilearan.

"A bhith a' feuchainn ri sealltainn dhan choimhearsnachd gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig feumail, is gu bheil barrachd ann na dìreach cànan," tha Coinneach ag ràdh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Calum MacLeòid a' bruidhinn ri Coinneach MacCoinnich

"Tha tòrr air a bhith a' tachairt an seo fad bhliadhnaichean ach gu bheil sgoil bogaidh an seo - agus gu bheil sinn fhìn ga dhèanamh - tha siud a' toirt buaidh air rudan.

"Mar choimhearsnachd thàinig sinn ri chèile airson seo a chur air dòigh. Faodaidh feadhainn airgead a chur ris mura h-urrainn dhaibh a bhith ann no a bhith a' cuideachadh."

Tha e ag ràdh gu bheil stèidheachadh na sgoile air feum mòr a dhèanamh dha inbhe a' chànain ann an Alba Nuadh san fharsaingeachd.

Is tha sùil aca cuideachd air ceanglaichean le Alba.

"Tha sinn a' faicinn anns an riaghaltas no àrd-ìre anns na sgoiltean, tha e nas fhasa a bhith a' strì 'son na Gàidhlig ma tha oidhirpean mar seo a' tachairt.

"Tha mi an dòchas cuideachd gu bheil e a' toirt beagan togail ri feadhainn ann an Alba gu bheil seo a' tachairt ann an dùthaich eile, is gur e cànan is cultar eadar-nàiseanta a th' ann cuideachd."

Fo-thiotal an deilbh,

'S ann an togalach Beinn Mhàbu a tha an dàrna seòmar-clas aig Taigh Sgoile na Drochaide