Chaochail an sreapadair an Dr Hamish MacAonghais
- Air fhoillseachadh

Bha an Dr Hamish MacAonghais fìor ainmeil ann an saoghal na sreapaireachd
Tha an sreapadair agus an t-innleachdair Albannach an Dr Hamish MacAonghais air bàsachadh aig aois 90.
Bha Maighstir MacAonais, a rugadh ann an Gatehouse of Fleet, a' fuireach ann an Gleann Comhann.
Shreap e am Matterhorn anns na h-Ailpeannan nuair bha e dìreach 16.
Stèidhich e sgiobannan teasargainn beinne agus sgrìobh e leabhraichean mu shreapadaireachd.
Dhealbhaich e a' chiad làmhag-deighe gu tur meatailte agus streadsair cobhair.
Fiolmaichean
Bha e na neach-comhairleachaidh do Chlint Eastwood air an fhiolm The Eiger Sanction, air Monty Python and the Holy Grail agus The Mission le Robert De Niro anns na 1980an.
Chaochail e na dhachaigh ann an Gleann Comhann Là na Sàbaid.
B' e Sionnach Ghlinne Chomhainn am far-ainm a bh' air ri linn 's gun robh e cho seòlta anns na beanntan.
Buidhnean
Bhe e fìor eòlach air sreapadaireachd agus bha e an sàs ann a bhith a' stèidheachadh Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhainn, Comann nan Con Cobhair agus Seirbheis Fiosrachaidh Mhaoimean-sneachda na h-Alba.
Bha e cuideachd os cionn Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhainn airson iomadh bliadhna.
B' e a' chiad duine a choisinn Sàr Dhuais Albannach ann an Cultar Beinne ann an 2008.
Bha a charaid an cleasaiche Mìcheal Palin a' dèanamh luaidh air.
Thuirt caraid eile, Daibhidh Whalley, a b' àbhaist a bhith os cionn Sgioba Teasairginn Bheanntan Chinn Lois, gu bheil e a' fàgail dìleib mìorbhailich air a chùlaibh.
Bha an Dr MacAonghais tinn le breisleach a thàing bho dhroch ghalar ann an siostam an uisge na sheann aois agus cho-dhùin dotairean le mearachd gun robh dementia air.
Chaidh a chumail san ospadal an aghaidh a thoil agus rinn e grunn oidhirpean teicheadh.
Chaidh an sgeulachd sin innse anns an fiolm Final Ascent, a thàinig a-mach ann an 2018.