Naidheachdan 11.00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11.00m

  • Air fhoillseachadh

Gàsa

Thuirt oifigeach sa bhuidhinn Hamas gun deach mearachd a dhèanamh agus dust ban-Israelach a bha am bruid ann an Gàsa air dhol a dhìth am measg feadhainn eile a chaidh a mharbhadh ann an ionnsaigh adhair air an làraich far an robh i ga cumail. Bha Hamas air a ràdh an-dè gur e corp Shiri Bibas a bh' air a thilleadh a dh'Israel, cuide ri cuirp a dithis mhac agus fear Israelach eile a bh' air bàsachadh agus e am bruid. Ach às dèidh dheuchainnean a rinneadh ann an Israel, nochd e gur e corp boireannaich Phalestinianaich a thug iad seachad. Tha seo air uabhas adhbharachadh ann an Israel.

Ucràin

Bidh e a rèir dè mar a thèid le còmhraidhean air crìoch a chur air a' chogadh anns an Ucràin, am bi coinneamh ann eadar Dòmhnall Trump agus Vladimir Putin, a rèir Rùnaire Stàite nan Stàitean Aonaichte. Bha Marco Rubio a' bruidhinn às dèidh nan còmhraidhean eadar an dà dhùthaich ann an Saudi Arabia. Thuirt an Kremlin an-diugh nach robh càil cinnteach air a chur air dòigh mun choinneimh; ged a bha an dà thaobh a' faicinn gum biodh an leithid a dhìth.

Càball

Thuirt ughdarrasan na Suain gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean gun deach milleadh ùr a dhèanamh air càball conaltraidh eile anns a' Mhuir Bhaltic. Seo an dàrna uair a chaidh an dearbh chàball eadar a' Ghearmailt agus an Fhionnlann a mhilleadh - agus e air a bhriseadh gu tur mu dheireadh na bliadhna an-uiridh. Tha an Coimisean Eòrpach an-diugh air plana fhoillseachadh airson tuilleadh dìon a chur air leithid de chàballan, agus comasan càraidh orra a leasachadh is amharas ann gu bheil mar eisimpleir an Ruis a' bristeadh chàballan a dh'aona-ghnothaich.

Teachd a-steach an riaghaltais

Bha teachd a-steach an riaghaltais san Fhaoilleach luach £15.4bn a bharrachd na chosg iad de dh' airgead air a' mhìos sin, a rèir fiosrachaidh ùir. 'S àbhaist dhan Fhaoilleach a bhith math dha sporan an riaghaltais, agus ultach de dh'airgead cìse a' tighinn thuca. Bha an t-suim a bharrachd aca nas motha na bha e bho chaidh an leithid a chlàradh an toiseach ann an 1993 - ach bha e nas lugha na bha Oifis Uallach a' Bhuidseit air a bhith a' sùileachadh.