Rabhadh tràth mu lìonanaich air loch ann an Leòdhas

'S ann as t-samhradh a bhios lìonanaich-ghorm a' nochdadh mar as trice
- Air fhoillseachadh
Chuir na h-ùghdarrasan anns na h-Eileanan Siar rabhadh tràth, neo-chumanta, a-mach mu lìonanaich a dh'fhaodadh a bhith cunnartach air loch ann an Ùig ann an Leòdhas.
Nochdaidh lìonanaich-ghorm gu nàdarra le blàths air feadh na Rìoghachd Aonaichte ach tha rabhaidhean mòran nas bitheanta as t-samhradh.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil an rabhadh airson Loch Triallabhat ga chur a-mach nas tràithe na bliadhnaichean eile.
Faodaidh lìonanaich cron a dhèanamh air craiceann dhaoine no tinneas adhbharachadh, ach tha cunnart bàis ann do bheathaichean.
B' e Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba a thug an suidheachadh aig Loch Triallabhat gu aire na comhairle.