Rabhadh mu bhùrn truaillte aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Ospadal an Ràthaig MhòirTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach siostam glanaidh a chur an sàs aig an ospadal

  • Air fhoillseachadh

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach cunnart truaillidh co-cheangailte ri bùrn teth a lorg ann am pàirt de dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tha an trioblaid ann an tùr an ospadail, a-rèir a' bhùird slàinte.

Chaidh siostam glanaidh a chur an sàs agus thèid tuilleadh dheuchainnean a dhèanamh.

Thuirt am bòrd slàinte gu bheil iad air comhairle fhaighinn bho eòlaichean mun t-suidheachadh.