Leasachaidhean mòra slàinte nan amas aig Anas Sarwar

- Air fhoillseachadh
Thuirt ceannard Albannach a' Phàrtaidh Làbaraich gum faic an NHS an leasachadh as motha ann an deicheadan ma gheibh na Làbaraich buaidh aig taghadh Holyrood an ath-bhliadhna.
A' bruidhinn aig co-labhairt Albannach a' phàrtaidh feasgar Dihaoine, thuirt Anas Sarwar gun dèan e a dhìcheall buaidh fhaighinn anns an taghadh sa Chèitean 2026
Thuirt Mgr Sarwar gu bheil an SNP air an NHS a mhilleadh agus gun deadh èiginn nàiseanta a ghairm mu amannan feitheimh nam faigheadh e a bhith na Phrìomh Mhinistear, agus gun dèanadh e uile dhìcheall Seirbheis na Slàinte a chàradh.
'S e amannan feitheimh a' chiad phrìomhachas a bhiodh aig Riaghaltas Làbarach, thuirt Mgr Sarwar.
Thuirt e gun gearradh na Làbaraich biurocrasaidh agus nach biodh ach trì bùird slàinte an Alba fo am planaichean.
Mar Phrìomh Mhinistear, thuirt e gun cosgadh e airgead luchd-pàighidh nan cìsean air doctairean is nursaichean seach biurocratan is "pen-pushers".
Gheall e cuideachd gun deadh daoine fhaicinn taobh a-staigh 48 uairean a thìde bhon chiad turas a dh'fhònadh iad ag iarraidh coinneimh le doctair-teaghlaich.
A thuilleadh air a sin, ghealladh e seirbheis chùram nàiseanta "cheart".

Thuirt Mgr Sarwar gu bheil Alba air a cumail air ais le "riaghaltas SNP sgìth a th' air a shlighe a chall".
Thuirt e "Tha mi an-diugh a' cur a-steach mo thagradh airson a bhith nam Phrìomh Mhinistear air Alba."
Tha e ag ràdh gun cumadh e cuid de phoileasaidhean bhon SNP, mar shiubhal an-asgaidh air busaichean, cungaidhean leigheis an-asgaidh, oideachadh an-asgaidh agus pàigheadh chloinne na h-Alba.
Thuirt e ge-tà, gun deadh leasachaidhean a chur an sàs a dhèanadh cinnteach gum biodh na poileasaidhean nas èifeachdaich.
"Tha iad sgìth, sgaraichte agus às aonais bheachdan ùra", thuirt e mun SNP.
"Às dèidh faisg air 20 bliadhna ann an cumhachd, tha an cothrom aca seachad.
"Nam biodh iad a' dol a dhèiligeadh ri trioblaidean na dùthcha, bhiodh iad air a dhèanamh roimhe seo."
'S e Pàrtaidh Làbarach na h-Alba an aon phàrtaidh as urrainn àite an SNP a ghabhail, a rèir Mhgr Sarwar.

Thuirt Mgr Sarwar gur e sgainneal nan aiseagan aon eisimpleir air mar tha an SNP air airgead poblach a chaitheamh is e ag ràdh nach biodh an riaghaltas air leigeil dha cùisean fàs cho dona nam biodh trioblaidean ann leis an loidhne-rèile eadar Glaschu is Dùn Èideann.
"Tha an SNP air coimhearsnachdan fhàgail air dheireadh agus luchd-pàighidh nan cìsean fhàgail le cosgaisean a tha a' sìor fhàs."
Thuirt e gur e Prìosan ùr Bhàrr na Linne eisimpleir eile de dh'ana-caitheamh an SNP is dùil gun cosg e £1bn a-nis seach an £100m mar a bhathas a' sùileachadh an toiseach.
Airson stad a chur air a leithid, chruthaicheadh na Làbaraich roinn èifeachdais, thuirt e.
Thuirt Mgr Sarwar gu bheil Alba a' call a-mach nuair a thig e gu obraichean uaine nuair a dh'fhaodadh an dùthaich a bhith gu math soirbheachail.
"Tha companaidhean à dùthchannan cèin a' dèanamh phrothaidean bhon chumhachd againn fhad 's a tha coimhearsnachdan agus luchd-obrach Albannach air am fàgail air dheireadh."
A thuilleadh air an sin, thuirt e gum feum àite a bhith aig ola is gas nuair a thig e gu cumhachd agus gu bheil Alba a' call a-mach seach gu bheil an SNP an aghaidh phròiseactan niùclasach.
Thuirt Mgr Sarwar gum biodh esan deònach coimhead ri pròiseactan niùclasach.
A thaobh gnothachais, thuirt e gun cuireadh e lasachadh reitichean an sàs agus gun deadh an siostam a leasachadh.
"Cìs Amazon"
Gus prìomh shràidean na dùthcha a chuideachadh, thuirt Mgr Sarwar gun toireadh riaghaltas Làbarach air companaidhean mòra air-loidhne barrachd a phàigheadh.
Chuireadh iad "Cìs Amazon" an sàs, gheall e.
Thuirt e cuideachd gu bheil e cudromach gun tèid buannachdan eaconomach a sgaoileadh a-mach air feadh na dùthcha.
Ghealladh e Achd Deamocraidh Ionadail cuideachd a bheireadh, thuirt e, maoineachadh cothromach do chomhairlean agus a leigeadh le meàran a bhith air an taghadh airson coimhearsnachdan air feadh Alba.
A thaobh còmhdhail, thuirt Mgr Sarwar gun cuireadh e às dha faraidhean rèile àirde aig amannan tranga.
'S e poileasaidh a tha sin a tha "math dhan eaconomaidh, do ghnothachasan agus dhan àrainneachd", thuirt e.
Am measg leasachaidhean foghlaim, thuirt e gun cuireadh e casg air fònaichean-làimhe ann an seòmraichean teagaisg.
Thuirt Mgr Sarwar gu bheil 10,000 leanabh gun dachaigh an Alba agus gum biodh dèiligeadh ri staing an taigheadais na phrìomhachas do riaghaltas Làbarach aig Holyrood.
Nuair a thig e gu daoine a bhith a' cadal a-muigh, gheall e cur às dhan sin.
Tha e cuideachd ag ràdh gum biodh an riaghaltas aige a' reic Alba - "brand Scotland" - thall thairis agus gum biodh sin aig cridhe phlanaichean eaconomach.