Mar a thill Flora the Explorer dhachaigh dha na Hearadh

Flora san taigh aice ann an Srannda anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha cat a bha a dhìth fad còig bliadhna anns na Hearadh a-niste air tilleadh dhachaigh is i air far-ainm ùr fhaighinn: Flora the Explorer.
Ghluais Kathleen agus Asa Harrison a Shrannda anns na Hearadh anns an Iuchar 2017.
Às dèidh dhaibh seatlaigeadh san taigh ùr aca san eilean leis na coin aca, Cooper agus Mist an cù-chaorach, chunnaic iad dealbh de Fhlora, piseag le cat fiadhaich, air Buidheann Dìon nan Cat, is thug na Harrisons a-steach i.
Aon là sa Mhàrt 2020, bha cuideigin san taigh aca ag obair.
'S e sin a' chiad oidhche nach tàinig Flora dhachaigh.
Fhuair na Harrisons grèim air an fhear a bha ag obair aig an taigh agus dh'fhaighnich iad dha an robh e air cat fhaicinn sa bhana.
Bha iad den bheachd gun deach Flora a-steach dhan bhana agus gur dòcha gun deach a fàgail ann an Sgaladal nuair a bha am bhana an sin - no gur dòcha gun deach i a Steòrnabhagh fiù 's sa charbad.

Asa agus Kathleen Harrison
Bha na Harrisons air làithean a chur seachad a' coimhead airson Flora leis gun robh iad den bheachd gun robh i fhathast sa bhaile.
Chuala daoine sa choimhearsnachd mu dheidhinn agus thòisich iad fhèin a' coimhead air a son.
Às dèidh dhaibh seachdainean a chur seachd a' coimhead airson Flora, ghabh iad ris gun robh a h-uile coltas ann gun robh iad air a call.
Thairis air na bliadhnaichean, tha Kathleen air iomadh brath fhaighinn air Facebook de chait a chaidh a lorg san eilean ach cha robh Flora nam measg.
Dh'atharraich sin air an 13 là den Fhaoilleach 2025, faisg air còig bliadhna bho chaidh Flora air chall, nuair a fhuair Kathleen teachdaireachd bhon cho-ogha aice le brath ann am buidheann Facebook na Hearadh.

An dealbh de Fhlora air duilleag Facebook
'Anyone missing this cat, been around here last few weeks', thuirt e, agus ceangailte ris, dealbh de chat a bha a' coimhead coltach ri Flora.
"Thug mi sùil air agus b' e a' chiad turas anns na bliadhnaichean a chaidh seachad a bha mi a' smaoineachadh gur e Flora a bh' ann," thuirt Kathleen.
Chaidh Kathleen agus Asa a-mach a Mhiabhag nam Bàgh, timcheall air 11 mìle bhon taigh aca ann an Srannda, làn dòchais.
Nuair a chaidh na Harrisons a-steach dhan t-seòmar, thuirt Kathleen ainm Flora agus thàinig an cat thuice.
Rinn i sgana oirre le chipreader. Thug i sùil air an reader agus thuirt i, "yep, seo Flora".
Turas Flora the Explorer
"Cha b' urrainn dhuinn a thuigsinn," thuirt Kathleen,
"Bha an teaghlach sna Bàigh cho laghach rithe, tha sinn taingeil airson sin."
Fhuair Flora fàilte bhlàth bho na coin air ais aig an taigh.
"Bha na coin craicte mu deidhinn, ann an dòigh shnog," thuirt Kathleen.
"Bha Mist a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan chat carrier còmhla rithe. Tha sinn cinnteach gun robh fhios aca gur ise a bh' ann.
"Bhon uairsin, bha e foilleasach gu bheil i uabhasach toilichte a bhith air ais dhachaigh."

Flora is fear de na caraidean aice san taigh
Ged a bha i toilichte agus ag ithe dinneir nam beathaichean air fad, bha i caran nearbhach nuair a thàinig i dhachaigh an toiseach oir bhon a chaill na Harrisons Flora, fhuair iad dà chat eile, ach tha i a' fàs cleachdte riutha.
Tha na Harrisons fhèin air a bhith a' fàs cleachdte ris an taobh car sradagach aice nach robh ann còig bliadhna air ais.
"'S i fhathast an cat a bh' againn, tha i dìreach beagan nas beòthaile, ach tha i nas fheàrr le gach là a tha a' dol seachad."
A thuilleadh air sin, tha Flora gu math toilichte a bhith a' fuireach san taigh agus gun miann sam bith aice falbh a-rithist na làithean seo.
Tha na mìltean de cheistean aig na Harrisons mun turas aice ge-tà, is iad a' coimhead airson fiosrachaidh sam bith mu dheidhinn.
"Ma tha duine sam bith air a faicinn thairis air na bliadhnaichean, bu mhath leinn cluinntinn bhuat airson dealbh slàn fhaighinn air an turas a rinn i," thuirt Kathleen.