Iomairt ùr mu Hub Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Dealbh de phlana airson hub coimhearsnachd ann am Bàgh a' ChaisteilTùs an deilbh, CNES

Thòisich iomairt ann am Barraigh agus Bhatarsaigh a tha airson 's gun tèid beachdachadh a-rithist air planaichean airson hub ùr ann am Bàgh a' Chaisteil.

Bhiodh seirbheisean foghlaim, slàinte agus cur-seachad air an toirt ri chèile air an làraich.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, NHS nan Eilean Siar agus buidheann taigheadais HHP ag obair còmhla air na planaichean.

Rachadh ospadal ùr a stèidheachadh a bhiodh a' dol an àite Ospadal Naomh Bhrianan,agus bhiodh ionad slàinte ùr ann cuideachd, a thuilleadh air taigheadas cùraim shòisealta.

Bhiodh sgoil-àraich, bun-sgoil is àrd-sgoil air an làraich, còmhla ri goireasan coimhearsnachd is oifisean.

Modhannan

A rèir nam buidhnean a tha air cùl nam planaichean, tha am pròiseact a' leantainn mhodhannan eadar-nàiseanta air mar bu chòir goireasan a leasachadh ann an coimhearsnachd bheag eileanach.

Tha bùithdean-obrach agus conaltradh poblach air a bhith ann.

Ach chan eil na planaichean air a bhith gun chonnspaid is tha iomairt ùr ann a-nise a tha airson is gun tèid beachdachadh air a' ghnothach a-rithist.

"S e gu bheil a h-uile goireas agus seirbheis air an eilean, cha mhòr, air am plùcadh air an aon làrach", thuirt Eòghan MacLeòid, a tha os cionn na h-iomairt.

"Tha an làrach fhèin ro bheag mar-tha is gun ann ach sgoil.

"Ginealach"

"Chan eil daoine ag iarraidh a h-uile sgath air a stèidheachadh air an aon làraich agus tha mi den bheachd ma bhios seo air a stèidheachadh anns an dòigh cheàrr, gun cuir e an t-eilean ceàrr 'son ginealach", thuirt e.

Thog Mgr MacLeòid dragh cuideachd mun bhuaidh air sgoilearan a bhith ag ionnsachadh cho faisg air goireasan slàinte.

Dh'innis e gun deach athchuinge a stèidheachadh is gu bheil còrr is 300 duine air ainm a chur ris.

Thuirt e gu bheilear ag amas air toirt air na buidheann coimhead ris a' phlana às ùr.

"Cruaidh fheum"

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gur e pròiseact mhòr phoblach a tha seo a tha a' toirt a-steach goireasan ùra a thèid an àite Sgoil Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil agus Ospadal Naomh Bhrianan.

Thuirt iad gum bi taigheadas cùraim shòisealta, ionad ùr meidigeach is seirbheisean fiaclaireachd ann, a thuilleadh air goireasan do Sheirbheis Ambaileans na h-Alba, Poileas Alba agus oifisean ùra dhan Chomhairle fhèin, uile ann am Bàgh a' Chaisteil.

Dh'innis an t-ughdarras ionadail gu bheil iad den bheachd gur e a' phròiseact an dòigh as fheàrr na goireasan air a bheil cruaidh fheum ann am Barraigh is Bhatarsaigh a thoirt gu buil.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil aon làrach ann is gum bi cuid de dh'àiteachan air an roinn, ach gun tèid sgaradh a dhèanamh eadar na diofar sheirbheisean far a bheil sin iomchaidh, gus dìon a chur air prìobhaideachd agus gus stad a chur air galaran bho bhith a' sgapadh.

Dh'innis iad gu bheil conaltradh farsaing air a bhith leis a' choimhearsnachd is gu bheil am pròiseas sin a' leantainn.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh